Home > Sgoil Ealain UHI an Iar, a Tuath + Innse Gall

Sgoil Ealain UHI an Iar, a Tuath + Innse Gall

Tha Sgoil Ealain UHI a Tuath, an Iar + Innse Gall, ann an Taigh Chearsabhagh, a’ tabhann cothruim gun shamhla gus ionnsachadh ann an àrainneachd shònraichte Innse Gall.  Tha na h-eileanan againn nam bunait airson cruthachadh agus ùr-ghnàthachas.  Gach taobh a choimheadas tu, gheibh thu brosnachadh – bhon chruth-tìre eireachdail againn, is an eachdraidh, na traidiseanan agus na daoine a tha a’ toirt cruth don chultar is don dualchas bheairteach againn.  

Tha an sgìre againn na dhachaigh do roinn ealain chruthachail shoirbheachail, stèidhichte sa choimhearsnachd, is a tha a’ faighinn taic bho cho-obrachadh lionrà de luchd-ealain, dealbhadairean is luchd-ciùird. 

Tha an dàimh shònraichte eadar an Sgoil Ealain agus Taigh-tasgaidh is Ionad Ealain Thaigh Chearsabhagh aig cridhe na h-àrainneachd ionnsachaidh is teagaisg.  Tha cothrom aig oileanaich a dhol gu taisbeanaidhean, òraidean bho luchd-ealain agus tachartasan eadar-chuspaireil.  Bidh oileanaich cuideachd a’ buannachadh bhon chothrom a bhith a’ taisbeanadh ann an gailearaidhean Thaigh Chearsabhagh agus a’ cleachdadh nan goireasan phroifeiseanta airson clò-bhualaidh agus an seòmar-dorcha.

Photo of a person hanging a photo in an exhibition.

Cùrsaichean

Ge brith a bheil thu nad sgoilear san àrd-sgoil, no air an sgoil fhàgail bho choinn ghoirid, nad inbheach a’ tilleadh gu foghlam, no nad phroifeiseantachd ag amas air sgilean a leasachadh no dreuchd atharrachadh, tha an Sgoil Ealain a’ tabhann roghainn choileanta de chùrsaichean.

Cùrsaichean ealain aig Taigh Chearsabhagh:

  • NC Ealain + Dealbhadh SCQF 6

Tha cùrsa NC Ealain + Dealbhadh SCQF 6 a’ tàladh farsaingeachd de luchd-ionnsachaidh, às an àite agus bho nas fhaide air falbh.  Nam measg tha oileanaich nas òige a tha a-mach às an sgoil, a bharrachd orrasan a tha a’ tilleadh gu foghlam an dèidh ùine.  Le buidhnean ionnsachaidh beaga agus teagasg bho ghrunnan oidean le eòlas shònraichte, tha an t-ionnsachadh làn dhùbhlain ùra agus cothroman cruthachail.  Tha ullachadh portfolio an lùib structar a’ chùrsa, do dh’oileanaich a tha am beachd gluasad air adhart gu cùrsaichean ealain Foghlam Àrd-ìre.

  • BA (le Urram) Ealain Fhìnealta

Tha cùrsa BA (le Urram) Ealain Fhìnealta ga theagasg le sgioba luchd-ealain lèirsinneach air leth comasach, is bheir e cothrom dhut measgachadh de mheadhanan ealain fhìnealta fheuchainn agus a rannsachadh, leithid peantadh, ìomaighean didseatach, dealbhadaireachd, cruthan, dealbhan, clò-bhualadh agus obair fighte. Le àite-obrach dhuibh fhèin san stiùidio agus uidheam obrach spèisealta, faodaidh tu a bhith misneachail gu bheil na goireasan air fad a tha a dhìth ort ri làimh.

Gus cothrom a thabhann do sgoilearan a bhith ceum air adhart air a’ chùrsa-beatha a tha iad a’ cur romhpa, tha an Sgoil Ealain ag obair cuide ri buidhnean foghlaim airson slighean freagarrach a’ lìbhrigeadh, a dh’ionnsaigh fastadh, treànadh no foghlam adhartach / àrd-ìre, gus am faigh thu na sgilean is teisteanasan airson do chuideachadh ullachadh airson do dhreuchd san àm ri teachd.

Photo of students at work in the studio, in front of a large window looking out on the bay.

Goireasan

Stiùidio – Le còrr is 140 meatair ceàrnagach de stiùidiothan fosgailte, a’ coimhead an ear thairis air a’ Chuan Sgìth, ’s urrainn do dh’oileanaich a bhith ag obair air bheachdan aig meud, anns an àite aca fhèin. 

Gailearaidhean – Tha trì diofar gailearaidhean ann an Taigh Chearsabhagh. ’S urrainn do dh’oileanaich iarrtas a chur a-steach airson taisbeanadh ann an Gailearaidh a’ Chafaidh.  Bidh oileanaich BA a’ faighinn tabhann air taic theicnigeach airson stàlaidhean adhartach, phroifeiseanta, airson taisbeanaidhean ceuma a shuidheachadh sna prìomh ghailearaidhean. 

Aite-obrach Clò-bhualaidh & Seòmar Dorcha – Tha na stiùdiothan seo a’ tabhann àite-obrach phroifeiseanta do dh’oileanaich aig gach ìre eòlais, airson obrachadh annta agus airson co-obrachadh le luchd-ealain ionadail eile.

Photo of an artist working on a portrait on an easel.

Cuir fios

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu chothroman ionnsachaidh aig Sgoil Ealain UHI a Tuath, an Iar + Innse Gall, cuir fios gu Stiùiriche nan Cùrsaichean:

Fòn: 01851 770 294

Postd: leart@uhi.ac.uk

Lean Sgoil Ealain UHI a Tuath, an Iar + Innse Gall air na meadhanan sòisealta:

Facebook:

Instagram: