UHI Innse Gall



Tha cothrom air leth na h-ealainean lèirsinneach a sgrùdadh ga thoirt seachad le UHI Innse Gall aig Taigh Chearsabhagh.

Agus gun ach àireamhan beaga sna clasaichean agus e ga theagasg le luchd-ealain fhèin, tha cothroman aig oileanaich eòlas a chur air agus ceangal a dhèanamh ri ealain is cultar eadar-nàiseanta an latha an-diugh dhaibh fhèin, agus coinneachadh ri luchd-ealain, frithealadh air òraidean is buidhnean-obrach le luchd-ealain air aoigheachd, geòlaichean, àrc-eòlaichean, eachdraichean, sgrìobhadairean is èic-eòlaichean  stèidhichte sna h-eileanan.

Aig bonn teagasg is ionnsachadh nan cùrsaichean tha ceangal cunbhalach aig an oileanach ri cruth-tìre àlainn Uibhist a Tuath. Tha cuideam làidir air an àrainneachd mar bhunait ri gach nì ceangailte ris an sgrùdadh agus na h-Eileanan Siar nan àite air leth is brosnachail ri bhith ag obair ann.

Tha Teisteanas Nàiseanta cliùiteach ann an Ealain is Dealbhadh agus BA (Urram ann an Ealain Fhìnealta (ann an com-pàirteachas ri Colaiste Mhoireibh, Eilginn) stèidhichte ann an stiùidiothan an ionaid. Tha roghainnean pàirt-ùine (le structar no gun structar) agus roghainnean fad aon bhliadhna cuideachd rim faotainn aig gach ìre den oideachadh.

Tha na cùrsaichean a’ tàladh oileanaich nàiseanta is eadar-nàiseanta gu cunbhalach, a bharrachd air an fheadhainn a’ fàgail na sgoile, oileanaich inbheach, agus luchd-ealain ag iarraidh an cuid chleachdaidhean a leudachadh agus tlachd a ghabhail à beatha shaibhir chultarail ann an coimhearsnachd thaiceil Uibhist a Tuath. Tha mòran de na h-oileanaich againn a’ dol air adhart gus sgrùdadh a dhèanamh aig Sgoil-ealain Ghlaschu, Sgoil-ealain Mhoireibh agus ionadan mòra eile san RA, a’ tilleadh gu cunbhalach gus an stèidheachadh fhèin mar luchd-ealain ag obair anns na h-Eileanan Siar.

Airson barrachd fiosrachaidh mu na cùrsaichean a tha rim faotainn agus fios a thaobh iarrtasan, nach lean thu an ceangal: UHI Innse Gall