Leabharlann Fiosrachaidh

A bheil thu ag ionndrainn leabhraichean cheart agus a bhith a’ rùraich ann an leabharlann?

A bheil thu a’ coimhead airson brosnachadh cruthachail no am feum thu beagan rannsachaidh a dhèanamh?

Tha leabharlann ealain lèirsinneach farsaing ri fhaighinn, airson fiosrachaidh, ann an Taigh Chearsabhagh. Faodaidh duine sam bith coimhead ann, le bhith a’ cur fios gu oifis Thaigh Chearsabhagh ro làimhe. Cuiribh postd gu taigh@taigh-chearsabhagh.org airson ùine a ghlèidheadh san leabharlann.