‘A’ tàthaich a’ chladaich seo, tha mi mothachail gur dòcha gum bi uair ann nach faicear an
coltas anns na speuran agus mun fhairge, is gum bi an t-iasg agus an t-eun air triall.’
Earrann às ‘Na Steàrnagan’
’S e co-obrachadh ealain is bàrdachd eadar Dòmhnall S. Moireach agus Dùghlas
MacDhonnchaidh a th’ ann am Birdfall.
Tha an dithist air slighe bàrdachd a shnìomh mun chòrsa, an dà chuid fìrinneach is mac-
meanmnach, agus iad a’ tighinn am fianais nan eun air a’ chladach, sna lòintean-creige agus
air na stallachan, bho sgaoth sgèimheach nan steàrnagan agus nan curracagan gu
ionnsaighean sgiathach nam fàsgadairean is nam farspagan.
Tha an ealain is bàrdachd san taisbeanadh a’ brosnachadh dhaoine gus sùil ùr a thoirt air eòin
a’ chladaich, fhad ’s a shònraicheas e an suidheachadh cugallach a tha an cois am bithe, agus
iad air crìonadh mòr ann an àireamhan fhulang sna bliadhnaichean beaga a dh’fhalbh.
A’ cumail ris na cruinneachaidhean eile leis a’ Mhoireach agus MacDhonnchaidh, tha eirmse
san obair. Cho math ri eòin aithnichte a’ chladaich agus an fhairge, thathar a’ tighinn am
fianais eòin ùra à mac-meanmna an luchd-ealain, an leithid an Raukmar, a bhitheas a’ fantail
ann am molagan na tràghad, no riochd shuainte an Fhearmain sa bhuilgeanach, no siubhal
seachranach an Oblomoibh.
an taisbeanadh seo a’ gabhail a-steach dhealbhan bhon leabhar ùr aig Dòmhnall, The
Dark Stuff, foillsichte le Bloomsbury sa Ghiblean 2018.
Tha Dòmhnall S. Moireach agus Dùghlas MacDhonnchaidh air co-obraichean eile a thoirt a-
mach thar an deich bliadhna a dh’fhalbh a’ gabhail a-steach dà chruinneachadh bàrdachd is
ruisg, The Guga Stone (Luath), SY Story (Birlinn), Herring Tales: How the Silver Darlings
Shaped Human Taste and History agus Dark Stuff: Stories from the Peatlands (Bloomsbury).
Bha The Guga Stone agus Herring Tales air an gabhail a-steach do liosta a’ Ghuardian airson
na leabhraichean nàdair a b’ fhèarr ann an 2013 agus 2015.