Home > Event > The Last Dance

Photo of concert stage with spotlights shining, against a dark backdrop.

The Last Dance

Tha UistFilm a’ toirt thugaibh, The Last Dance: Film Consairt Soraidh Slàn aig Runrig

Air an 18mh den Lùnastal 2018, chluich Runrig a’ chuirm-ciùil mu dheireadh aca an dèidh 45 bliadhna ann an gnìomhachas a’ chiùil, a’ toirt gu crìoch fad beatha e dh’òrain, subhachas agus taisbeanadh ciùil.

 

Tha am film seo air glacadh na faireachdainn bho chonsairt a bha a’ fàgail soraidh slàn, a’ glèidheadh dhìleab mhaireannach a’ chòmhlan-chiùil rock Ceilteach as soirbheachaile a bha riamh ann, agus a’ comharrachadh deireadh linn leis an luchd-leantainn aca.  Thàinig luchd-daimh Runrig bho chòrr is 20 dùthaich gu Sruighlea, airson seinn agus dannsa fad na h-oidhche.  Bha gach nota agus còrd a’ bualadh air cridhe gach fear is tè aig a’ chuirm.  Thug Runrig an gnothach gu crìoch le dreach acapella iongantach den òran “Hearts of Olden Glory”, a’ dèanamh gàireachais leis an luchd-leantainn aca, làn faireachdain, aig deireadh cùrsa-beatha shònraichte a mhair 45 bliadhna.

Tha am film seo a’ toirt eòlais choileanta air Runrig, agus cho cudromach sa tha an còmhlan-ciùil ann an cultar na h-Alba.  Bidh The Last Dance gu bràth ann an cridhe is cuimhne iadsan air feadh an t-saoghail a tha gràdhach air ceòl. 

“Cha b’ urrainn soraidh slàn ealanta na b’ fheàrr a bhith ann airson còmhlan leithid Runrig” Bluebird Reviews

“Chùm an sluagh orra a’ seinn fada an dèidh do Runrig falbh, is cleasan-teine a’ spreagadh os cionn àrd-ùrlair dhorcha” The Times

“Tha an taisbeanadh a’ toirt ri chèile a h-uile sian mun chòmhlan, agus na tha iad a’ ciallachadh don luchd-leantainn aca, is na mìltean a’ seinn còmhla riutha, is fiù ’s grunn a’ caoineach gu fosgailte, air oidhche far a bheil faireachdain agus subhachas a’ tighinn còmhla” Music Talkers

Ga shealltainn ann an Talla Chàirinis air Disathairne 1 Ògmhios, glèidhibh na tiogaidean agaibh gu h-ìosal, tron t-siostam Pàigh na Thogras Tu, far am bi sibh fhèin a’ taghadh dè phrìs tiogaid a bu toigh leibh pàigheadh.  Bidh na dorsan a’ fosgladh aig 6.30f, airson tòiseachadh aig 7f.

Nam bu toigh leibh ur taic airson taigh-dheilbh neo-eisimileach a shealltainn, tha sibh làn di-beathte tabhartas airgid a thoirt seachad an dèidh an fhilm. 

Airson fios às ùr air a’ phrògram agus fiosrachadh co-cheangailte, ’s urrainn dhuibh a’ chuairt-litir aig UistFilm iarraidh an seo. 

Tha an sgrìneadh aig UistFilm a’ faighinn taic bho Film Hub Scotland agus BFI.