A’ leughadh thasglannan air an dèanamh poblach, cruthan-tìre agus cuimhneachain
Dè thachras nuair a thilleas faidhlichean dìomhair na stàite agus an airm chun na coimhearsnachdan air an ainmeachadh annta?
Thigibh còmhla rinn ann an Taigh Chearsabhagh airson Communal Eye, bùth-obrach phractaigeach a’ rannsachadh eachdraidh a’ Chogaidh Fhuair ann an Uibhist. Nì sinn sgrùdadh còmhla air faidhlichean Ministrealachd an Dìon agus iarrtasan Saorsa Fiosrachaidh (FOI) a chaidh an dèanamh poblach bho chionn ghoirid, le mion-fhiosrachaidh air stèidheachadh Raon nan Rocaidean agus obair armailteach air feadh Innse Gall tron Choghadh Fhuar. Bidh sinn cuideachd a’ rannsachadh cruthan ionadail air iomairt agus strì.
Chan ann mar leabhar eachdraidh dùinte a bhios am bùth-obrach a’ làimhseachadh an tasglainn, ach mar àite airson còmhradh beò. Air a stiùireadh le Zsuzsanna Ihar (Oilthigh Cambridge), Susannah Bolton (Taigh Chearsabhagh), agus Holger Nehring (Oilthigh Shruighlea), tha sinn a’ toirt fiathachadh dhuibh an eòlas ionadail, na sgeulachadan agus na meòrachaidhean agaibh a thoirt leibh, gus an urrainn dhuinn:
Ruigsinn sgrìobhainn thasglainn a bha dìomhair roimhe
Cruaidh-cheasnachadh a dhèanamh air clàraidhean oifigeil agus na tuairsgeulan aca air talamh, àrainneachadh agus sluagh Uibhist.
Roinn cuimhneachain ionadail agus seallaidhean eadar-dhealaichte air armailteachd a’ Chogaidh Fhuair.
Cruthachadh cruinneachadh comannach air meòrachaidhean a tha a’ gabhail air ais an dòigh anns a bheil eachdraidh Uibhist ga h-innse.
Ge brith a bheil cuimhneachain pearsanta agaibh air an àm, ùidh ann an eachdraidh ionadail, no annas agaibh ann an cruth-tìre armailteach Uibhist, tha an guth agaibhse riatanach.
Chan fheum sibh eòlas acadamaigeach no eachdraidheil sam bith. Thèid na stuthan uile an toirt seachad agus bidh biadh ga thoirt seachad cuideachd.
Le taing do dh’Ionad Saideansan Àite is Cuimhne, Oilthigh Shruighlea, airson an taic-airgid.
