Home > Event > A’ coimhead oirnn fhèin

Multi-coloured painting of a person with shoulder-length hair and glasses, with the words "words looking at ourselves" handwritten on top.

A’ coimhead oirnn fhèin

**Tha an tachartas seo a-nis làn.  Cuiribh fios gu taigh@taigh-chearsabhagh.org nam bu toigh leibh a dhol air liosta feitheamh, air eagal ’s gum bi àiteachan a bharrachd rim faighinn.** 

Thigibh còmhla rinn airson dàna-thuras làitheil ann an fèin-deilbh, leis an neach-ealain Margaret Fenton agus an sgrìobhadair Pauline Prior-Pitt, a’ sgrùdadh a’ cheangail eadar fhaclan agus deànamh chomharran.  Bidh fealla-dhà againn leis a’ choltais againn agus mar a tha sinn gar faicinn fhèin!  Fàilte romhaibh uile, chan fheum eòlas sam bith a bhith agaibh air sgrìobhadh no obair chruthachail ron a seo.

10.30m Fèin-deilbh ann an sgrìobhadh, le Pauline Prior-Pitt

12.30f Àm lòn (thoirbh leibh am biadh agaibh fhèin no ceannaichibh sa Chafaidh e)

2f Fèin-deilbh ealain le Margaret Fenton

 

Mar phàirt de Sheachdain Leabhraichean na h-Alba 2023, a’ comharrachadh Dàna-thuras anns a h-uile seagh.  

Tha cuspair Dàna-thuras a’ ceangal le taisbeanadh Hiort Bhiortail againn, a tha a’ leigeil le inbhich is clann dàna-thuras fheuchainn, le bhith a’ tadhal air an eilean iomallach seo tro fhìorachd bhiortail.  Tha cuideachd taisbeanadh ann le dealbhan bho Mhìcheal Faint agus bàrdachd le Steve Ely, a’ sgrùdadh eilean-mara Orasaigh, far nach eil duine a’ fuireach, far costa an iar Uibhist a Deas.

Thoiribh sùil air na tachartasan an-asgaidh eile a th’ againn air Seachdain Leabhraichean na h-Alba 2023: 

Diluain 13 – Diardaoin 16 Samhain, Cuir loidhne ris: Bàrdachd Dàna-thuras

Dimàirt 14 Samhain, Cafe Leabhraichean

Diardaoin 16 Samhain, Into the Wild: Bàrdachd agus Sgeulachdan le Ian Stephen

Dihaoine 17 Samhain, Dàna-thusan beag is mòr: Bùth-obrach sgrìobhaidh le Ian Stephen

Book Week Scotland 2023 image, on a green background with an image of a boot print in black.