Dè a’ bhuaidh a tha ga thoirt air na coimhearsnachdan is àrainneachdan againn le leudachadh armachadh agus cleachdadh chorporra den mhuir agus na speuran, barrachd truailleadh agus buaidh atharrachadh na gnàth shìde?
Tha A Gathering of Air and Sea a’ toirt obair an luchd-ealain Shona Illingworth agus Mhairi Killin còmhla airson a’ chiad turas, airson sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha cumhachd na h-atharraichean cruinne seo gam mothachadh is gam faireachdainn ann an Innse Gall. Cruinnichidh sinn ann an Talla Hòstadh airson feasgar de dheasbad, sgrìonadh shònraichte de Topologies of Air aig Illingworth, agus tabhann sgeulachdan, ceòl, bàrdachd agus biadh.
Bidh A Gathering of Air and Sea a’ toirt ri chèile an eòlais fharsaing a th’ aig muinntir an àite: croitearan, arc-eòlaichean, bàird, luchd-ealain, comhairlichean, iasgairean, bith-eòlaichean mara agus luchd-glèidhteachais, airson rannsachadh a’ chruth-atharrachadh luath a tha a’ tighinn air an adhar agus na cuantan againn, san àm a chaidh seachad agus san latha an-diugh, tro armachadh, gnìomhachasadh, caithris, truailleadh na h-àrainneachd nàdarra agus atharrachadh na gnàth-shìde, agus a’ bhuaidh a dh’fhaodadh tighinn air ginealaichean ri teachd agus beatha nan eilean.
’S iad The Wapping Project a thug seachad coimisean agus taic-airgid airson Topologies of Air (2021) aig Shona Illingworth, le taic bhon Bahrain Authority for Culture and Antiquities, Sharjah Art Foundation, Comhairle Bhreatainn, Comhairle Ealain Shasainn agus Oilthigh Kent.
’S e coimisean bho An Tobar agus Theatair Mhuile a th’ ann an On Sonorous Seas (2022) le Mhairi Killin, le taic bho Urras Mhucan-mara & Leumadairean Innse Gall, Alba Cruthachail, a-n, CHArts, The Space CIC, Comann Saidheans Mhara na h-Alba, Sgeama Tràghadh Beathaichean Mara na h-Alba agus Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba.
What 3 Words: ///intrigues.locals.choppers
–
Tha A Gathering of Air and Sea ga chumail mar phàirt de shreath thachartasan a’ gabhail àite thairis air an deireadh seachdain, ann an co-bhann ri taisbeanadh On Sonorous Seas aig Mhàiri Killin ann an Taigh Chearsabhagh, 2 Sultain gu 28 Dàmhair.
Dihaoine 15 Sultain: An saideans air cùlaibh On Sonorous Seas, le Urras Mhuc-mara nan Eilean, Taigh Chearsabhagh, 7f
Disathairne 16 Sultain: A Gathering of Sea and Air, Talla Hòstadh, 6f
Là na Sàbaid 17 Sultain: Slighe Mhuc-mara Innse Gall: Trèanadh ann an Aithneachadh Seòrsaichean is Whale Track + Faire bho Rubha, Taigh Chearsabhagh + Baile Raghnaill, 2-5f
Tha na tachartasan seo an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine. Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.