Tha A’ Leantainn Snàithleanan a’ taisbeanadh obair fighe is suaineadh aig neach-ealain Uibhisteach, MM Pheutan. Tha an taisbeanadh seo a’ toirt gu ceann pròiseact co-obrachaidh 5 mìosan cuide ri Susannah Bolton, neach-ealain obair-chlòtha, a’ toirt ri chèile pìosan fighe cotan agus cruthan-ealain obair-chlòtha iomadh mheadhanach. Nuair a thèid dathan an taghadh gu nàdarra bidh iad a’ measgachadh agus a’ crith còmhla: lean sinne na snàithleanan!
Nach tig sibh còmhla rinn airson fàilteachadh le MM air 26mh Lùnastal, aig 7f.
Gabhaidh an taisbeanadh fhaicinn an-asgaidh ann an Gailearaidh Cafaidh Taigh Chearsabhaigh, 10m – 4f, Diluain gu Disathairne.