Home > Event > A’ Lorg Sìth

Two paintings are shown. Short brush strokes in thick paint, using bright colours, depict a road leading to the horizon through grass, and the other is of two lochs reflecting a dappled sky.

A’ Lorg Sìth

Tha A’ Lorg Sìth na thaisbeanadh de dhealbhan ùra bhon neach-ealain ioma-chuspaireil Deborah MacVicar.

“Tha na dealbhan a th’ agam an-dràsta air an dèanamh à cuairtean slànachaidh a tha mi air a bhith a’ dèanamh o chionn ghoirid ann an cruth-tìre Uibhist, anns a h-uile sìde, eadar m’ obair cùraim. Tha mi air ùdrathaidean a rannsachadh airson a’ chiad uair, agus air tadhal air àiteachan air a bheil mi eòlach a-rithist.

Tha mi air a bhith a’ faicinn rudan ann an dòigh ùr is eadar-dhealaichte, agus a’ togail dhealbhan air mo thursan le camara fòn-làimhe, agus gan roinn air na meadhanan sòisealta, airson mi fhìn agus daoine eile fhaicinn.

Tha mi a-nis air a bhith gan cleachdadh mar bhrosnachadh airson dealbhan a chaidh a dhèanamh anns an stiùidio agam aig East Camp, Beinn na Faoghla.”

Tha BA (le Urram) ann an Ealain Fhìnealta aig Deborah bho Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean. Tha taisbeanaidhean o chionn ghoirid a’ toirt a-steach muinntireas agus taisbeanadh Far Enough / Weit Genug ann an Uckermark, sa Ghearmailt; RSA New Contemporaries 2012, Dùn Èideann, Alba; agus muinntireas agus taisbeanadh Secret Sea an seo aig Taigh Chearsabhagh.

—

Taghadh airson gailearaidh cafaidh Taigh Chearsabhagh còmhla ri Comann Ealain Uibhist.

Bidh dealbhan Deborah rim faicinn ann an gailearaidh a’ chafaidh, fosgailte 10m – 4f, Diluain gu Disathairne. Tha iad cuideachd rim faighinn airson an reic tron bhùth air-loidhne againn.