’S e neach-ealain lèirsinneach à Alba a th’ ann an Ellis O’Connor, a tha a’ fuireach ann an Uibhist a Tuath.
’S e freagairt a th’ anns na peantaidhean air a’ chiad gheamhradh a chuir Ellis seachad san eilean, ’s i a’ falbh am measg nan siantan iargalta a tha tric a’ bàrcadh air an àite.
Tha na h-obraichean seo a’ comharrachadh sìde na mara is tuar na tìre. creagan susbainteach gluasadach, co-mheasgachadh sàile agus adhair, ceò is uisge a’ bagairt, solais ro-chaochlaideach – dùilean uile aig a bheil coltasan neo-làimhseachail.
Am broinn na h-obrach seo, tha Ellis a’ sealltainn gu bheil barrachd na bòidhchead is àilleachd san àite. Tha i fiadhaich, àrsaidh agus ioma-thaobhach, far a bheil clann nan daoine ach suarach fa chomhair na h-àrainneachd agus le ar cuid fiosrachaidhean air an geurachadh. ’S e a bhith am measg nàdair, agus an t-iongnadh a thogas sin, mar chuspair nan obraichean seo. Le bhith a’ tarraing nam peantaidhean seo, tha i an dòchas gun toir i cothrom do dhaoine eile ceangail a thogail ri àrainneachd a tha cho fiadhaich mun cuairt oirnn, a’ leudachadh an urraim agus an tuigse a th’ againn rithe, agus a’ bronsachadh chàich gus diofar a dhèanamh.