’S e pròiseact ealain lèirsinneach dà bhliadhna a th’ anns A’ Chuan Sgìth, le iomlaid eadar daoine òga Bunsgoil Shlèite san Eilean Sgitheanach, agus Bunsgoil Bhaile a’ Mhanaich, Beinn na Faoghla. Bithear ag obair le luchd-ealain proifeiseanta sa Ghàidhlig, air a stiùireadh le Lasair Ealain. ’S e comataidh ealain nan sgoilearan a th’ ann an Lasair Ealain, stèidhichte aig Bunsgoil Shlèite, agus tha iad air cunntas de phròiseactan mòra ealain a dhèanamh còmhla ris a’ phrìomh neach-ealain Julie Brook bho 2005 (An Dealbh Mòr; Air Iomlaid; Ealain a-Muigh).
’S e amas a’ phròiseict a bhith a’ brosnachadh agus a’ toirt chomasan do dhaoine òga ann a bhith a’ dealbhadh na h-àrainneachd aca fhèin, ag obair le luchd-ealain proifeiseanta gus na beachdan aca fhèin a chur an cèill agus tuigse ùr air àite an àraich a thogail.
An dèidh sreath de bhùthan-obrach a’ dealbhadh agus a’ peantadh nan àrainneachdan aca, thadhail clann Bunsgoil Shlèite air clann Bheinn na Faoghla fad 3 latha, agus a’ chlann faighinn chothroman obrachadh còmhla ris an luchd-ealain aig caochladh àite, falbh gu tachartasan feasgair sa Ghàidhlig agus a’ togail chàirdeasan ùra. Aig deireadh an turais, ghabh sgoilearan Bhaile a’ Mhanaich an aiseag thar a’ Chuain Sgìth gu ruige an Eilein Sgitheanaich, a’ dealbhadh còmhla ris a’ chlann Sgitheanach agus na tìdsearan aca air a’ bhàta.
Dh’ionnsaich gach buidheann mar a chruthaicheas iad pìosan-ealain de dh’àiteachan sònraichte san àrainneachd, stèidhichte air dealbhan leabhair-sgeidse, agus a’ chlann a’ co-obrachadh air dealbhan mòra gual-fhiodha.
’S e na leabhraichean-sgeidse, dealbhan frèamte de mheud A1, dealbhan mòra gual-fhiodha agus fiolm den phròiseact a bhios mar phàirt den taisbeanadh, agus iad a’ sealltainn turas ealanta agus fiosaigeach na cloinne, ann an Taigh Chearsabhagh, Uibhist a Tuath agus Sabhal Mòr Ostaig, an t-Eilean Sgitheanach, ann an 2018.