Tha Urras Mhuc-mara nan Eilean (HWDT) a’ cur deireadh seachdain de thachartasan air a’ chasan air feasgar Dhihaoine, le sgrùdadh air an saidheans air cùlaibh an rannsachaidh a tha air na h-uimhir a chur ri pròiseact On Sonorous Seas. Ionnsachaidh sibh mun rannsachadh ga chruinneachadh air bòrd soitheach rannsachaidh an HWDT, an Silurian, ciamar a thathar a’ cumail sùil air fuaimean fon mhuir, agus a’ bhuaidh a tha aig an dàta seo air a bhith dèanamh cinnteach gu bheil mucan-mara, leumadairean agus pèileagan gan dìon agus gan luach ann an àrainneachd mhara air costa an iar na h-Alba.
’S urrainn dhuibh tiodhlac-airgid a thoirt don HWDT an seo: https://hwdt.org/donate-1
–
Bidh Caroline Willis bho Urras Mhuc-mara nan Eilean cuideachd a’ bruidhinn aig A Gathering of Air and Sea ann an Talla Hòstadh air Diathairne 16 Sultain.
Tha na tachartasan seo mar phàirt de shreath thachartasan a’ gabhail àite thairis air an deireadh seachdain, co-cheangailte ri taisbeanadh On Sonorous Seas aig Mhairi Killin, ann an Gailearaidh 2 ann an Taigh Chearsabhagh.
Dihaoine 15 Sultain: An saideans air cùlaibh On Sonorous Seas, le Urras Mhuc-mara nan Eilean, Taigh Chearsabhagh, 7f
Disathairne 16 Sultain: A Gathering of Sea and Air, Talla Hòstadh, 6f
Là na Sàbaid 17 Sultain: Slighe Mhuc-mara Innse Gall: Trèanadh ann an Aithneachadh Seòrsaichean is Whale Track + Faire bho Rubha, Taigh Chearsabhagh + Baile Raghnaill, 2-5f