Home > Event > Do sgeulachd eagalach, cuide ri Paul Bristow – LÀN

Do sgeulachd eagalach, cuide ri Paul Bristow – LÀN

**Tha am bùth-obrach seo a-nis làn. Cuiribh fios thugainn ma tha sibh ag iarraidh a dhol air liosta feitheimh air eagal ’s gum bi àiteachan a bharrachd ann.**

Thig còmhla ris an sgrìobhadair chomaigean agus sgeulaiche, Paul Bristow, airson beagan sgeulachdan eagalach a chluinntinn, agus an uair sin obrachadh còmhla airson an comaig agad fhèin a dhèanamh, gus am bi do charaidean is teaghlach air an clisgeadh!

Bidh Paul Bristow a’ sgrìobhadh do chloinn –  stòiridhean, beul-aithris, sgeulachdan taibhse – uaireannan uile aig an aon àm! Stèidhiche e iomairt shòisealta Magic Torch Comics CIC a tha air duaisean a chosnadh agus a tha ag obair air feadh na h-Alba airson duine a chuideachadh sgeulachdan innse tro chomaigean, geamannan agus dràma claisneachd – bho uirsgeul ionadail agus eachdraidh a tha air a dhol à cuimhne, gu eòlas beatha choimhearsnachdan air an iomall. An lùib foillseachaidhean bho chionn ghoirid tha Multiverse Academy, air a chruthachadh le còrr is 50 duine òg agus 12 diofar luchd-ealain, a bha ag innse sgeulachd comaig le aon sreath dhealbhan gach latha, airson bliadhna, agus When The Farmer Caught A Kelpie, leabhar-sgeoil mothachail air a thogail bho bheul-aithris na h-Alba.

Tha am bùth-obrach seo air Disathairne 11 Dàmhair, 1f – 2.30f, airson clann aois 8 agus nas sine. Chan eil mòran àiteachan ann is mar sin bu chòir tiogaid a ghlèidheadh cho luath ’s as urrainn. Bidh bùth-obrach eile ann, Dealbhan Dràgon, le Kate Leiper, aig 10.45m – 12.15f, do chlann aois 8 agus nas sine. Ma tha sibh a’ glèidheadh tiogaid airson an dà bhùth-obrach, bidh bòrd againn far an urrainn dhaibh suidhe airson lòn, agus cluich a-muigh, le cuideigin a’ cumail sùil orra. Cuiribh postd gu susannah@taigh-chearsabhagh.org airson seo a chur air dòigh.

’S e co-labhairt bhliadhnail chomaigean ann an Steòrnabhagh a th’ ann an OH!CON, le treat de bhùthan-obrach a bharrachd am bliadhna-sa, aig Taigh Chearsabhagh. Airson tuilleadh fiosrachaidh mu OH!CON, tadhalaibh air an làrach-lìn aca.

Airson OH!CON a chomharrachadh, bidh an oifis againn a’ tionndaidh na uaimh chomaigean! Bidh cuiseanan comhfhurtail againn, agus taghadh le leabhraichean ri leughadh làn dhealbhan, agus peanntan air an deasg ma tha thu ag iarraidh dhealbhan a dhèanamh thu fhèin. Bidh seo fosgailte gu 4f, do dhuine sam bith a tha ag iarraidh tighinn còmhla ri caraidean comaig.

Le taing do dh’Urras Leabhraichean na h-Alba airson a’ bhùth-obrach seo a mhaoineachadh tro phrògram Live Literature, agus do sgioba OH!CON airson na seiseanan aca thoirt thugainn. 

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

Còir-deilbhe: Katherine Hemmings.