Thainig Judith agus an duine aice a dh’Uibhist tràth anns na 90an. Le dìoghras dha chèile airson fiadh-bheatha, nàdar agus croitearachd, dh’fhàs iad làn bhogadh ann am beatha eileanach. B’ urrainn do Judith fòcas a chuir air a’ ghaol a th’ aice air peantadh fhad ‘s a bha i ag obair fad iomadh bliadhna aig an Taigh-Toitidh Innse Gall mar mhanaidsear. Bha a dealas do na h-ealain ann an Uibhist follaiseach san oidhirp aice gus Taigh-tasgaidh + Ionad-ealain Taigh Chearsabhagh a leasachadh far an robh i na ball follaiseach air Bòrd nan Urrasairean fad iomadh bliadhna agus na ball gnìomhach de Chomann Ealain Uibhist. Bha i aig cridhe leasachadh tràth slighe stiùidio fosgailte Art on the Map as t-samhradh.
Tha uimhir ri mhealtainn san taisbeanadh ath-shealladh seo de obair Judith Entwisle-Baker. Neach-ealain ainmeil Uibhisteach leatha fhèin agus na caraid taiceil do mhòran. Thàinig a brosnachadh bhon ghaol a th’ aice air cruth-tìre Uibhist, fiadh-bheatha agus gu sònraichte eunlaith. Chuir i seo an cèill tro dathan uisge beòthail, chlo-bhualadh, agus sgrùdaidhean peann is inc. Chaidh mòran de na dealbhan a rinn Judith o chionn ghoirid a bhrosnachadh le Hiort, air an do thadhail i grunn thursan, ach gu ìre mhòr, thàinig a’ mhòr-chuid de a brosnachadh bho nas fhaisge air an dachaigh ann an Uibhist a Tuath.
Anns an taisbeanadh seo de thaghadh fìor phearsanta de obair-ealain Judith, gheibh an neach-tadhail eòlas air raon de dhealbhan Judith nach fhaicear ach ainneamh gu poblach agus thairis air a cùrsa-peantaidh. Tha cuid dheth a’ nochdadh obair na bu tràithe bho àiteachan eile air feadh na RA.
Tha mòran phìosan rim faighinn airson an reic. Thèid a h-uile airgead a thèid a thogail a thilleadh chun a teaghlaich agus a thoirt seachad do charthannas Headway mar chuimhneachan air Judith.