Home > Event > Bàrdachd, sgeulachd agus an taigh-cluiche – sgrìobhadh dealbh-chluich airson an t-saoghail ùr-nòsach

Photo of George Gunn

Bàrdachd, sgeulachd agus an taigh-cluiche – sgrìobhadh dealbh-chluich airson an t-saoghail ùr-nòsach

Ciamar as urrainn dhuinn cleachdaidhean bàrdachd liriceach a chur gu feum airson barrachd doimhneachd, faireachdainn agus beòthalachd a chur dhan t-seanchas againn?  Thigibh còmhla rinn ann an Seachdain Leabhraichean na h-Alba airson bùth-obrach bàrdachd chruthachail le George Gunn, a tha na sgrìobhadair chliùteach air Ghàidhealtachd.

Tha George Gunn à Inbhir Theorsa, Gallaibh.  Ann an 2021 dh’fhoillsich e an deicheamh leabhar bàrdachd aige “Chronicles of The First Light” (Drunk Muse Press). Nochdaidh an dàrna nobhail aige “The Vinegar Wind” ann an 2022.  Chaidh còrr is 50 de na dealbhan-chluich aige an riochdachadh airson an àrd-ùrlair agus rèidio.  ’S iad an fheadhainn as ùire “Call Me Mister Bullfinch” (coimisean bhon Royal Lyceum Theatre) agus “The Fallen Angels of the Moine” (Dogstar Theatre, 2022).  Bidh e a’ sgrìobhadh airson na h-iris Bella Caledonia. ’S esan an-dràsta Makar Ghallaibh aig Lyth Arts Centre. 

“Tha George Gunn na bhàrd le spionnadh agus liriceach.  Gun eagal.”

Anne NicLeòid, Scotland On Sunday

 

Chan eil ach àireamh bheag de thiogaidean ri fhaighinn airson an tachartais seo.  Ma ghlèidheas sibh tiogaid agus nach urrainn dhuibh tighinn ann air adhbhar sam bith, bhiomaid nur comain nan cuireadh sibh fios gu taigh@taigh-chearsabhagh.org gus an urrainn dhuinn a thabhann do chuideigin eile.

Bidh George Gunn cuideachd a’ leughadh a chuid obrach aig feasgar bàrdachd ann an Taigh Chearsabhagh air Diardaoin 17 Samhain.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

The Scottish Book Trust and Book Week Scotland logos, displayed in green with a white background.