Home > Event > Bèarnan-Brìde: An Gàrradh

Text reading Unexpected Gardens. Unexpected is in dark green, Gardens is bright cold yellow. The background is a bold and flat mid-green. Un is double height, expected and gardens are equal height, expected sitting on top.

Bèarnan-Brìde: An Gàrradh

Chan e dìreach gàrradh gàrradh a tha san rud air a bheil An Gàrradh. Tha e a’ ciallachadh ballachan air an dèanamh le làimh, air an togail bhon chroit gus fasgadh a thoirt. Bheir gàrradh nam Beàrnan-Brìde againn ann an Uibhist a Tuath freagairt air èic-eòlas air leth an eilein, eadar chlachan is dhìthean fiadhain is chladaichean làn shligean. Tha ùidh againn ann an lusan a bhios a’ fàs leis an t-sìde an seo, a tha measail air an ùir làn salainn is gainimh, na gailleannan mòra agus air a’ gheamhradh shèimh. Tha sinn ag iarraidh fàs a thoirt air gàrradh a bheir freagairt air eachdraidh na tìre seo, a sheasas an seo san ùine romhainn.  

Bheir An Gàrradh beathachadh do bharrachd air lusan, tha e ann airson nan daoine cuideachd. Air a shuidheachadh air cùl Taigh-cùraim na Trianaid, bidh cothrom slàn aig luchd-fuirich, luchd-obrach agus luchd-coimhearsnachd air àrainn a’ ghàrraidh. Le àiteachan do chathraichean-cuibhle agus tòrr àiteachan-suidhe, faodaidh An Gàrradh a bhith na thèarmann slàn sàbhailte agus e a’ sealltainn a-mach thairis air na crìochan gus ceangal a dhèanamh ri dreach na tìre thall. Bidh an gàrradh fosgailte do neach sam bith ri dhol an sàs ann, gus cuideachadh gus am fàs e fallain is àlainn – tha fios againn cho measail agus a tha na h-Uibhistich air a bhith a’ cur taic agus a’ cumail ri spiorad sin na coimhearsnachd!    

Tha An Gàrradh na àite airson na mothachaidhean a lìonadh, co-obrachadh is obair chruthachail. Tha sinn a’ gabhail fadachd ri fàilte a chur oirbh.   

Tha Sorcha Monk ag obair le Taigh Chearsabhagh gus An Gàrradh a leasachadh mar làrach fhiosaigeach, agus buidhnean-obrach is tachartasan ceangailte ri lusan is planaidean tron t-samhradh. Ma tha ùidh agad ann an dathadh stèidhichte air lusan, ma dh’fheumas tu sìolagan rin seachnadh iomlaid, no ma tha thu ag iarraidh dol an sàs ann an là cur a’ bhuntàta air a’ mhachair mar a bha bho shean, cùm cluas ri claisneachd! Bheir sinn seachad na ceanglaichean air an duilleig seo a bharrachd air a’ mhìosachan Dè Tha Dol againn mar as àbhaist.

Tha An Gàrradh a’ cumail Dr Dòmhnall MacLeòid mar cheòladair air mhuinntireas fad sia mìosan agus e a’ toirt freagairt air a’ ghàrradh, air an dualchas aige, agus air Uibhist anns an fharsaingeachd. Tha ceòl Dhonnchaidh a’ cleachdadh an dà chuid stuth gun innealan agus dealanach gus raon fiosrachaidh a chruthachadh, a’ toirt a-steach ceòl nan chuirmean-ciùil agus stàlaidhean-fuaime. Faodaidh tu èisteachd ri beagan de shaothair Dhonnchaidh an seo, agus barrachd fhaighinn a-mach mun t-saothair aige an seo.

Bidh prògram an t-samhraidh fo bhlàth agus an tìde a’ blàthachadh, mar sin ma tha thu ag iarraidh dol an sàs ann an tachartasan eile le Beàrnan-Brìde san ùine romhainn, nach cuir thu d’ ainm ris a’ chuairt-litir againn aig bonn na duilleige seo. Faodaidh tu Taigh Chearsabhagh a leantainn air na meadhanan sòisealta cuideachd airson fios, no tadhal às ùr air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh oir thèid a h-ùrachadh gu cunbhalach.

Prògram an t-Samhraidh: a’ tighinn suas

Nach dèan thu briog air na ceanglaichean airson barrachd fiosrachaidh agus àite a chur an dara taobh.

4 Samhain: Taisbeanadh Beàrnan-Brìde, Cafaidh Thaigh Chearsabhaigh

25 Samhain: Cèilidh Foghair, Talla Chàirinis 

26 Samhain: Raon-cluiche Sonaig & Cuirm-chnuic, Talla Hòstadh

Tachartsan crìochnaichte

18 Ògmhios: Iomlaid lusan, Uibhist a Tuath

18 Ògmhios: Tarraing Làimhsich le Margaret Fenton, Uibhist a Tuath

19 Ògmhios: Snàmh agus Seinn le Julia Taudevin, Uibhist a Tuath

20 Ògmhios: Bùth-Obrach de Sgeulachdan le Julia Taudevin, Griomasaigh

26 Ògmhios: MOVE (gnìomhadh), Beinn na Faoghla

9 Iuchar: Iomlaid lusan, Uibhist a Tuath

22 – 23 Iuchar: Buidheann-obrach clò-bloca le Jemima Dansey-Wright, Fèis-ciùil Eilean Dorcha

30 Iuchar: Latha Fosgailte aig Comann Luchd-fàs Coimhearsnachd Lìonacleit

5 Lùnastal: Obair-chlòtha aig Leabharlann Lìonacleit le Deirdre Nelson, Leabharlann Lìonacleit

6 Lùnastal: Feuch dathan nàdurra le Deirdre Nelson, Ceann na h-Àirigh

12 Lùnastal: Latha Fosgailte aig garradh George Jackson, An Clachan

13 Lùnastal: Iomlaid lusan, Taigh Chearsabhagh

13 Lùnastal: Dealbhan-grèine nan lus le Margaret Joan NicIosaig, An Deic Taigh Chearsabhagh

17 Lùnastal: Lusan ceòlmhor le Donnchadh MacLeòid, Cafaidh Thaigh Chearsabhaigh

20 Lùnastal: Clò-bhualadh le Fiona NicÌosaig, Leabharlann Sgoil Lionacleit

27 Lùnastal: Dèan dealbh Gàrradh Draoidheil le Anne Rabbitts, Leabharlann Sgoil Lionacleit

8 Sultain: Fosgladh Ceuman-fuaime, Machaire Lìonacleit

Seasaidh na Gàrraidhean gun Dùil aig Beàrnan-Brìde mar dhearbhadh beò a’ fàs gum faod fiù ’s na h-àiteachan as iongantaiche fàs bòrcadh agus cinntinn. Agus iad a’ tighinn am bàrr ann an iomadh làrach annasach air feadh Alba, bho na Crìochan dhan Ghàidhealtachd gu na h-Eileanan, bidh iad nan àiteachan far am bi fàs – biadh, sìtheanan agus ge b’ e dè eile a fhreumhaicheas. Tha Beàrnan-Brìde ga choimiseanadh le EventScotland agus ga mhaoineachadh tro Riaghaltas na h-Alba. Is e cuibhreann na h-Alba de UNBOXED: Creativity in the UK a th’ ann.