Home > Event > Being in a Place – A Portrait of Margaret Tait

Film poster with the title Being in a Place in a light coloured box on a black background, with film credits.

Being in a Place – A Portrait of Margaret Tait

Film na mìosa bho UistFilm: Being in a Place – A Portrait of Margaret Tait, le Luke Fowler.  Bidh seisean Ceist & Freagairt ann an dèidh an fhilm, cuide ris a’ cho-riochdaire, An t-Oll. Sarah Neely.

A’ tarraing air beairteas stuthan bho thasglann nach fhacas riamh roimhe, le clàraidhean fuaim, filmichean, agus leabhraichean notaichean nan lùib, tha am film ùr aig Luke Fowler a’ coimhead air Margaret Tait (1918-1999), tè de na filmeadairean as aincheisteach an Alba.

Tha am film a’ togail air fear de na sgrioptaichean aig Tait airson Channel 4 nach deach a chleachdadh, leis an tiotal Heartlandscape: Visions of Ephemerality and Permanence, airson toiseach tòiseachaidh, agus a’ beachdachadh air beatha agus obair Tait, air a fhreumachadh ann an crùth-tìre Arcaibh.  Cha robh ùidh aig Tait ann a bhith a’ clàradh sheallaidhean na dùthcha.  An àite sin bhiodh i a’ coimhead air na mion-phuingean a tha a’ dèanamh suas àite, na rudan beaga air a bheilear tric a’ dèanamh dearmad. A’ sgrùdadh pròiseas fhilmeadaireachd, bho shealladh co-neach-ealain a tha mothachail air tuigse Tait air film mar mheadhan fhileil, tha Being in a Place a’ toirt luaidh air neartan nan dòighean-obrach aice, cho cudromach sa tha pìosan obrach ann am mìrean, agus an luach a tha an lùib fàilligeadh.

Ann an spioraid an fhilmeadair agus bana-bhàrd nach maireann, tha am film cho mòr na dhealbh air an Arcaibh ghràdhach aig Tait – an t-àite anns an robh i a’ fuireach agus a’ clàradh a chuid as motha de a bheatha – sa tha e na dhealbh oirre fhèin.

Tha Luke Fowler na neach-ealain, filmeadair agus ceòladair à Glaschu.  Tha na dealbhan film aige tric a’ crochadh air daoine no iomairtean chonnspaideach a tha tric air an cur chun iomaill, air an suathadh às no air am mì-riochdachadh ann an cultar na h-ama.  Tha an co-riochdaire, an t-Ollamh Sarah Neely na h-ollamh ann am Film agus Cultar Lèirsinneil aig Oilthigh Ghlaschu agus tha i air mòran bhliadhnaichean de rannsachadh a dhèanamh air beatha agus obair Tait.

Tha e riatanach gun glèidh sibh tiogaidean ron àm.  Glèidhibh na tiogaidean agaibh tron t-siostam Pàigh na Thogras Tu, far am bi sibh fhèin a’ taghadh dè phrìs tiogaid a bu toigh leibh pàigheadh nuair a tha sibh ga ghlèidheadh.  Nam bu toigh leibh ur taic airson taigh-dheilbh neo-eisimileach a shealltainn, tha sibh làn di-beathte tabhartas airgid a thoirt seachad an dèidh an fhilm.

Airson fios às ùr air a’ phrògram agus fiosrachadh co-cheangailte, ’s urrainn dhuibh a’ chuairt-litir aig UistFilm iarraidh an seo.

Booking

Ticket Price Quantity
Tiogaid £10, Being in a Place: Talla Chàirinis, Disathairne 28 Ògmhios, 7f £10.00 Sold out
Tiogaid £8, Being in a Place: Talla Chàirinis, Disathairne 28 Ògmhios, 7f £8.00 Sold out
Tiogaid £6, Being in a Place: Talla Chàirinis, Disathairne 28 Ògmhios, 7f £6.00 Sold out
Tiogaid £3, Being in a Place: Talla Chàirinis, Disathairne 28 Ògmhios, 7f £3.00 Sold out
Please review our Refund Policy, and our Privacy Policy for details of how we store and use your data.