Home > Event > Buidheann-obrach clò-bloca le Jemima Dansey-Wright

Buidheann-obrach clò-bloca le Jemima Dansey-Wright

Dèan comharrachadh air a’ bhuntàta sa bhuidhinn-obrach spòrsail làn beantainneachd seo air clò le Jemima Dansey-Wright. Cruthaich an dealbhadh-pàtrain agad fhèin air spreagadh le toradh ùr – dèan rannsachadh air dèanamh phàtran agus dealbhadh mhoitifean, tha an dòigh shìmplidh seo a’ leigeil leat dealbhaidhean-pàtrain a chur ri chèile gu sgiobalta is gun strì – dèan clò air pàipear no gu dìreach air aodach air a chaitheamh – cur-seachad tlachdmhor do dhaoine aig a gach aois – nach tig thu leinn! 

Mu Jemima:

Tha Jemima Dansey-Wright na neach-ealain is neach-cruthachaidh ri obair-aodaich, a’ sònrachadh ann am pròiseactan bloca is sgàilein agus bathair is èideadh ann an dòrlaich bheaga a bhios i a’ reic @primarypressglasgow agus @estd.barras. Tha e a’ còrdadh rithe saothair a dhèanamh às am faodar feum làitheil a thoirt. Tha an t-saothair aice gu tric fo bhuaidh nàdair, bidhe, chruthan organach agus siubhail – a’ feuchainn ri faireachdainn, brìgh a ghlacadh, cruth a chur air cuimhne no sgeul agus an clò-bloca falbhanach a ghleidheadh.

Tha i ga tàladh gu clò-bloca ri linn nan làraichean innich a bhios an dòigh seo a’ cruthachadh agus an dòigh imfhiosach sam faodar saothair-ealain a dhèanamh agus a chur an sàs ann an uachdaran is aodach.

Air a choimiseanadh le Sorcha Monk, Riochdaire Cruthachail Gàrradh Uibhist a Tuath.  

Gus barrachd fhaighinn a-mach mu phròiseact a’ Ghàrraidh Ris Nach Robh Dùil aig na Beàrnain-Bhrìde, tadhail air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh. Bidh prògram an t-samhraidh fo bhlàth agus an t-sìde a’ blàthachadh, agus ma tha thu ag iarraidh dol gu tachartasan eile leis na Beàrnain-Bhrìde san àm ri teachd, cuir t’ ainm ris a’ chuairt-litir againn aig bonn na duilleig-lìn seo. Faodaidh tu Taigh Chearsabhagh a leantainn cuideachd air na meadhanan sòisealta airson fios, no tadhal às ùr air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh, a thèid ùrachadh gu cunbhalach.