Home > Event > Bùth-obrach Aonachd is Troimhe-chèile le Gina NicDhòmhnaill

Bùth-obrach Aonachd is Troimhe-chèile le Gina NicDhòmhnaill

Thigibh cuide ri Gina NicDhòmhnaill, a bhios a’ stiùireadh a’ bhùth-obrach seo, a nì rannsachadh air a’ cheangal eadar fèin-aithne agus àite, tro phròiseas spòrsail ioma-mheadhanach.

Tha am bùth-obrach seo fosgailte do dh’inbhich agus gu h-àraid dhaibhsan aig nach eil eòlas ro làimhe.  Tha sinn an dòchas gum faigh sibh toileachas is fois ann.  Thèid na stuthan gu lèir a bhios a dhìth oirbh airson a’ bhùth-obrach a thoirt dhuibh, agus deochan is greimean-bidhe an-asgaidh.

Chan eil ach àireamh bheag de thiogaidean ri fhaighinn airson an tachartais seo agus bu chòir dhuibh àite a ghlèidheadh cho luath ’s as urrainn.  Ma ghlèidheas sibh tiogaid agus nach urrainn dhuibh tighinn ann air adhbhar sam bith, bhiomaid nur comain nan cuireadh sibh fios gu taigh@taigh-chearsabhagh.org gus an urrainn dhuinn a thabhann do chuideigin eile.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.