Home > Event > Bùth-obrach Mapadh le Jon MacLeòid

A display of Squid Quills created from small flat wooden pieces with drawings and writing on them.

Bùth-obrach Mapadh le Jon MacLeòid

Thigibh còmhla ris an neach-ealain Jon MacLeòid airson bùth-obrach a bhios a’ coimhead air dòighean dùthchasach air mapadh agus cleachdadh innealan leithid mapaichean maide airson eòlas a thoirt seachad air àrainneachdan eileanach agus oir-thìrean.

Airson EBBE+FLOW, tha Jon air cruth innlich ‘Cleit Gibearnach’ a dhèanamh, a tha a’ gabhail a-steach fiosrachaidh airson seòladh agus tuigsinn seanchas nan cuantan ann an Nirribhidh agus Innse Gall.  An lùib nan nithean seo tha comharraidhean mara, eòlas air an làn, seanchas sìde agus mapaichean chladaichean air an dèanamh le làimh.

Anns a’ bhùth-obrach cuiridh sibh ùine seachad a’ smaoineachadh air na cruthan-tìre air a bheil sibh fhèin eòlach agus an tuigse agaibh air àite no slighe, (leithid na lusan a chithear air croit, àite far a bheil maorach no iasg ri lorg, no seanchas sìde no mara, agus sean-fhaclan).  Bheir na beachdan seo stiùireadh dhuibh fhad ’s a tha sibh a’ dèanamh an ‘Stiùir’ agaibh fhèin, a’ comharrachadh na seòrsaichean eòlais seo a ghabhadh cleachdadh airson conaltradh le neach-siubhal oir-thìrean eile.  Bidh dealbhan, lethbhreacan agus cyanotype ag eadar-theangachadh an t-seanchais agad chun an ‘Stiùir’ phearsanta seo.

Thèid na stuthan air fad a bhios a dhith a thoirt dhuibh.  Chan fheum sibh eòlas sam bith air cruthachadh ro làimh.  Tha a’ bhùth-obrach seo air a dhealbh do dh’inbhich.

Tha EBBE+FLOW ga thaisbeanadh an-dràsta ann an Gailearaidh 1 aig Taigh Chearsabhagh.  Leughaibh lèirmheas sa Morning Star an seo.