Thigibh còmhla rinn ann an Seachdain Leabhraichean na h-Alba airson bùth-obrach sgrìobhadh chruthachail leis an sgrìobhadair agus bàrd Patricia Ace.
Anns a’ bhùth-obrach seo bidh sinn a’ coimhead air bàrdachd a tha gu soilleir a’ togail faireachdainn air àite eadar-dhealaichte. Tro bhith a’ meòrachadh air mar a tha beachdan air àite chorporra agus àite faireachdainn-inntinn gan cur air an duilleag, nì sinn rannsachadh air ar cuimhneachaidhean shònraichte, phearsanta agus ar mac-meanmna airson àite a chruthachadh dhuinn fhèin ann am bàrdachd no rosg.
‘Tha a’ bhàrdachd seo iongantach bras. Fiadhaich agus teòma, tapaidh agus gun eagal, tha iad a’ bragadaich le beòthalachd is neart.’ – Vicki Feaver
‘Tha obair Ace…a’ fàgail an leughadair le faireachdainn dhomhain de dhòchas, is a h-ìomhaigheachd agus ceòlmhorachd a’ cainnt a’ togail cheanglaichean eadar bheachdan agus amannan is àiteachan diofaraichte, gan tarraing gu cearcall shàmhach ath-bheòthachaidh, teòmas agus leigheas. ’S i seo bàrd a tha a’ sgrìobhadh aig àird a comais.’ – Anna Crowe
Chan eil ach àireamh bheag de thiogaidean ri fhaighinn airson an tachartais seo. Ma ghlèidheas sibh tiogaid agus nach urrainn dhuibh tighinn ann air adhbhar sam bith, bhiomaid nur comain nan cuireadh sibh fios gu taigh@taigh-chearsabhagh.org gus an urrainn dhuinn a thabhann do chuideigin eile.
Bidh Patricia Ace cuideachd a’ leughadh a bàrdachd aig feasgar bàrdachd ann an Taigh Chearsabhagh air Dimàirt 15 Samhain.
Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh