Nach tig sibh còmhla rinn aig bùth-obrach sgrìobhaidh ‘Make your writing speak’, le Chrys Salt a tha na bàrd, sgrìobhadair, cleasaiche agus stiùiriche theatair.
Chan eil adhbhar air thalamh gum biodh bàird/sgrìobhadairean math air taisbeanadh, ach tha e na chuideachadh.
Seallaidh Chrys cuid a chleasan is sgilean a’ chiùird bhon eòlas aice fhèin, nuair a bha i na cleasaiche (Repertory Theatre / West End / telebhisean / radio), agus bhon eòlas aice air a bhith a’ taisbeanadh a h-obair fhèin. Air sàilleabh…
Bidh bàrdachd math air a dheagh thaisbeanadh ga dhèanamh nas fheàrr buileach.
Bidh bàrdachd nach eil cho math, air a dheagh thaisbeanadh, ga dhèanamh nas fheàrr.
’S urrainn deagh chleasaiche taisbeanadh air Yellow Pages a dhèanamh inntinneach.
Tha Chrys air a’ bhùth-obrach seo a thabhann do sgrìobhadairean air feadh an t-saoghail. Tha am bùth-obrach an-asgaidh ach chan eil mòran àiteachan ann is mar sin bu chòir dhuibh àite a ghlèidheadh ron àm.
Thòisich Chrys a’ cùrsa-beatha mar chleasaiche, a’ nochdadh san Repertory Theatre, West End, telebhisean agus rèidio. Tha i air còig chruinneachaidhean slàn de bhàrdachd a sgrìobhadh, ceithir chruinneachaidhean goirid, agus tha an obair aice air eadar-theangachadh ann an grunn chànain. Chaidh ceòl a chur ris an obair aice cuideachd, le iomadh sgrìobhaiche-ciùil. Tha Chrys air taisbeanaidhean a thoirt seachad air feadh Bhreatainn agus air feadh an t-saoghail, agus air iomadh duais is bursaraidh fhaighinn. Ann an 2014 choisinn i MBE airson Seirbheisean do na h-Ealain.
Bidh Chrys cuideachd a’ leughadh a cuid obrach aig feasgar bàrdachd air Diardaoin 25 Giblean, aig 7.30f.
Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.
Booking
Bookings are no longer available for this event.
