Home > Event > Cafaidh Leabhraichean

Green square with Scottish Book Trust, Book Week Scotland and dates in black, with a black boot print, and the title"Our adventure begins here."

Cafaidh Leabhraichean

Tadhalaibh a-steach chun Chafaidh Leabhraichean, air a stiùireadh le Felicity Bramwell.  Bidh sinn a’ bruidhinn mu dheidhinn leabhraichean a bha cudromach dhuinn nar n-òige – thoiribh leibh an leabhar agaibh fhèin agus na cuimhneachain agaibh air leughadh nur n-òige.  Bidh bùth-leabhraichean “Call of the Wild” aig Julie Lewis ann cuideachd.

Mar phàirt de Sheachdain Leabhraichean na h-Alba 2023, a’ comharrachadh Dàna-thuras anns a h-uile seagh.  

Tha cuspair Dàna-thuras a’ ceangal le taisbeanadh Hiort Bhiortail againn, a tha a’ leigeil le inbhich is clann dàna-thuras fheuchainn, le bhith a’ tadhal air an eilean iomallach seo tro fhìorachd bhiortail.  Tha cuideachd taisbeanadh ann le dealbhan bho Mhìcheal Faint agus bàrdachd le Steve Ely, a’ sgrùdadh eilean-mara Orasaigh, far nach eil duine a’ fuireach, far costa an iar Uibhist a Deas.

Thoiribh sùil air na tachartasan an-asgaidh eile a th’ againn air Seachdain Leabhraichean na h-Alba 2023: 

Diluain 13 – Diardaoin 16 Samhain, Cuir loidhne ris: Bàrdachd Dàna-thuras

Diardaoin 16 Samhain, Into the Wild: Bàrdachd agus Sgeulachdan le Ian Stephen

Dihaoine 17 Samhain, Dàna-thusan beag is mòr: Bùth-obrach sgrìobhaidh le Ian Stephen

Disathairne 18 Samhain, A’ coimhead oirnn fhèin