Home > Event > Cèilidh Foghair

Photo of Beinn Lee musiciians sitting against a stone wall.

Cèilidh Foghair

Tha sinn air ar dòigh, beagan nas anmoiche na bhathar an dùil, cuireadh a thoirt dhuibh àm foghair a chomharrachadh a rèir cleachdadh nan eilean, le dannsa-cèilidh ann an Uibhist a Tuath. Bidh pailteas de phìosan ann ri ithe, fuine bhon taigh agus aig a bheil ceangal ri seanchas na sgìre, ceòl bhon cheòladair air mhuinntireas againn, Donnchadh MacLeòid, agus a’ chòmhlan chliùiteach ionadail Beinn Lee.  Bidh tì is cofaidh ann agus bàr.

’S urrainn dhuibh tiogaid an-asgaidh a ghlèidheadh le bhith a’ cleachdadh an t-siostaim gu h-ìosal. Tha sinn an dùil urram a thoirt do na h-uile a chaidh a chlàradh roimhe airson a’ chèilidh, ged nach eil biadh suidhe ann a-nis. Bidh sinn ann an conaltradh ribh a dh’ aithghearr gus faighneachd a bheil thu fhathast airson a thighinn ann.

Bha Beàrnan-Brìde na phrògram cruthachail tionnsgalach a’ ruith bhon Ghiblean gus an t-Sultain 2022 air feadh na h-Alba, a’ toirt cuireadh dhan a h-uile duine cur, àrach is sgapadh. Bha e mar amas aig a’ phròiseact fàs do chuid bidhe fhèin a dhèanamh cho soirbh is cho ruigsinneach ’s a ghabhas, do dhaoine aig gach aois le tachartasan is cur-seachadan gan cumail air feadh na dùthcha – bho na h-eileanan as fhaide às gu meadhan nam bailtean-mòra.

Thàinig am prògram gu ceann leis na ceudan de chomharrachaidhean air an Fhoghar gan cumail anns na sgoiltean, sna Gàrraidhean ris nach robh Dùil agus ann an ionadan-coimhearsnachd air feadh na h-Alba, a’ toirt dhaoine còmhla gus àm-fàis gun choimeas a chomharrachadh. Thug Beàrnan-Brìde cuireadh dhan a h-uile duine air feadh na h-Alba dol an sàs le bhith a’ frithealadh air tachartas an lùib an Fhoghair no a’ cruthachadh Foghar aig an taigh iad fhèin.  

Bha Beàrnan-Brìde air a choimiseanadh le EventScotland, air a mhaoineachadh le Riaghaltas na h-Alba agus bha e na phàirt de UNBOXED: Creativity in the UK.

Airson tuilleadh fiosrachaidh air prògram Beàrnan-Brìde ann an Uibhist, thoiribh sùil air duilleag An Gàrradh.

[Còir-deilbhe: Beinn Lee]