A’ cumail ri spioraid Air a’ Chùl Fraoin, bidh an taisbeanadh ciùil seo a’ coimhead ri èisteachd agus a’ chorp èistidh. ’S dòcha gur e an seòrsa èisteachd sin an èisteachd ri fàilteachadh, no an seòrsa èisteachd a bhios sinn a’ dèanamh ann an nàdar. No ’s dòcha gur e an seòrsa èisteachd a bhios a’ dol nas doimhne na sin uile agus a tha a’ deànamh aithne gu bheil rudan dìreach ann agus a’ cumail orra. Tha sinn a’ taghadh fuaimean a tha sinn a’ smaoineachadh a bhios freagarrach air an èisteachd a tha seo uile agus chì sinn càite an toir na fuaimean sin sinn.
Tha Raymond MacDhòmhnaill agus Niall MacDhaibhidh air a bhith a’ cluich ciùil air ùr chur ri chèile, còmhla airson còrr is 20 bliadhna. Tha seo air an toirt a Nirribhidh, dhan Ghearmailt, Iapan agus fiù ’s an Eaglais Bhreac. Tha iad air tòrr chlàraidhean a dhèanamh còmhla agus air obrachadh le luchd-ciùil shònraichte bho air feadh an t-saoghail. B’ ann ann an Taigh Chearsabhagh a chluich iad còmhla mu dheireadh, san t-Samhain an-uiridh, airson cuir air bhog a’ chlàir aca, Barracuda. Chaidh seo a chur a-mach le Iorram records, a thòisich iad còmhla ris a’ charaid aca, Una MacGlone, a bhios a’ cluich a’ bheus. Tha Raymond cuideachd na Phroifeisear Saidhceolas agus Cèol air ùr chur ri chèile, aig Oilthigh Dhùn Èideann. Bha Niall a’ teagasg air a’ chùrsa ceum ciùil aig Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean agus tha e a-nis na rannsachaiche bathar-bog agus na fhear-togail gàrraidhean cloiche.