Home > Event > Ceòl Uibhist a Tuath

Ceòl Uibhist a Tuath

Ann an com-pàirteachas le Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath, tha Taigh Chearsabhagh toilichte ar taisbeanadh dualchais ‘Ceòl Uibhist a Tuath’ fhosgladh.

San taisbeanadh seo ‘Ceòl Uibhist a Tuath’ cluinnear agus chithear sàr-obair. Gheibhear eachdraidh a’ chiùil tro na linntean. Gabhaidh sinn cuairt tro bhàrdachd Iain MhicCodruim agus Dhòmhnaill Ruaidh Chorùna aig a bheil buaidh air a leithid Julie Fowlis, Linda NicLeòid ’s BeinnLee a tha iad fhèin air blas ùr a thoirt air an t-seann-nòs. Tha na h-òrain aig Calum agus Ruairidh Dòmhnallach an-diugh air bilean an t-sluaigh, tha am buaidh eadar-nàiseanta mar phàirt den chòmhlan Runrig. Gheibhear lorg an seo air bàrdachd, òrain, pìobaireachd, ceòl-dannsa ’s cluinnear mu ’n obair mhòr a rinn luchd-clàraidh a rinn obair chudromach a’ gleidheadh beul-aithris agus sgrìobhadh. Dè a bhuaidh a thug ceòl air fasan ’s eile? Tha dòrlach do dhealbhan a dh’innseas an sgeulachd. Chan eil an seo ge tà, ach toiseach-tòiseachaidh. Se amas a’ phròiseact gun tèid na clàraidhean, teapaichean, teipean bhidio, dealbhan agus stuthan eile a tha anns a’ choimhearsnachd a ghleidheadh. Gu dearbh tha rudan prìseil air falach fhathast, am broinn thaighean, ann am preasaichean ’s dràthraichean, seadaichean `s air iomadh lobht’ air an dìochuimhneachadh. Thathar an dòchas gun dèan na thèid a lorg cinnteach gun cùm an stòiridh aig “Ceòl Uibhist a Tuath” a’ fàs tro obair a Chomainn Eachdraidh sna bliadhnaichean ri teachd.

Chithear bhidio goirid an seo a tha a’ mìneachadh cho luachmhor sa tha an cruinneachadh seo agus a’ sealltainn tasglann didseatach eadar-ghnìomhach a tha ri fhaicinn ann an Taigh Chearsabhagh:

Tha an taigh-tasgaidh fosgailte bho 10m – 4f, Diluain gu Disathairne. Tha tiogaidean rim faighinn bhon ionad-fàilte sa bhùth. Chan eil feum air clàradh ro làimh.