Chaidh cruinneachadh de chòrr is 100 teip bhidio a chruthaich coimhearsnachdan ann an Innse Gall aig crìoch nan 1970an tro phròiseact Cinema Sgìre an cur ann an cruth didseatach; agus bha cothrom aig a’ choimhearsnachd am faicinn, mar phàirt de shreath sgrineadh fhilmichean.
Tha taisbeanadh den phròiseact, le filmichean, a’ fosgladh ann an Gailearaidh 2, bho 1-25 Lùnastal.
Chaidh na filmichean an clàradh tro phròiseact foghlam coimhearsnachd Cinema Sgìre, a bha stèidhichte sa mhòr-chuid ann an Uibhist is Barraigh, a ruith bhon Dàmhair 1977 gu Màrt 1981. A bharrachd air tabhann seirbheis taigh-deilbh bho àite gu àite, bha am pròiseact cuideachd a’ lìbhrigeadh riochdachadh bhidio coimhearsnachd. Bha seo a’ gabhail a-steach coimhearsnachdan ionadail ag ionnsachadh mar a chlàradh iad bhidiothan de bheatha làitheil sna h-eileanan, aig àm nuair a bha an dòigh-obrach seo gu math ùr.
Tha na teipichean air a bhith fo chùram Museum nan Eilean, a tha a-nis air an toirt seachad do Thasglann Ìomhaighean Gluasadach (pàirt de Leabharlann Nàiseanta na h-Alba), air sgàth ’s an cuid eòlais air tasglainn fhilmichean.
A-nis, tron chompàirteachas sin, chaidh na teipichean an glèidheadh, an cur gu cruth didseatach agus an sgaoileadh air-loidhne. Thathas ag iarraidh air muinntir na sgìre ainmeachadh cò tha a’ nochdadh sna filmichean agus innse mun eòlas agus cuimhneachain aca fhèin air na tachartasan agus na cuspairean a tha annta. Tha a leithid ann, bho fhosgladh thallaichean an Iochdair agus Bhatarsaigh agus an Turas Rìoghail gu Steòrnabhagh ann an 1979, gu croitearan a’ cruinneachadh aig fèill reic mhart ann an Uibhist a Deas. Ge brith a bheil cuimhne agaibh air Cinema Sgìre no nach eil, ’s cinnteach gum bi rudeigin ann a chòrdas ris a h-uile duine!
Tha tasglann Cinema Sgìre gu lèir a-nis ri fhaighinn air làrach-lìn Leabharlann Nàiseanta na h-Alba sa Moving Image Archive. Bidh taisbeanadh mun phròiseact, le cothrom na filmichean fhaicinn, ann an Gailearaidh 1 aig Taigh Chearsabhagh air 1-25 Lùnastal.
Tha am prògram thachartasan coimhearsnachd seachad a-nis, ach ma bha sibhse, no duine sam bith a dh’aithnicheas sibh, an sàs ann an clàraidhean Cinema Sgìre ann an dòigh sam bith, air cùlaibh no air beulaibh a’ chamara, bu toigh leinn cluinntinn bhuaibh! Cuiribh fios gu: info@uistfilm.org
Thoiribh sùil cuideachd air an duilleag Facebook againn aig Cinema Sgìre Project.
Tachartasan a chaidh seachad:
Talla an Iochdair, Uibhist a Deas, 27 Giblean
Taigh-tasgaidh Chill Donnain, Uibhist a Deas, 10 Cèitean
Fèis Film Innse Gall, Talla Chàirinis, Diciadain 17 Cèitean, 7f
Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath, Sgoil Chàirinis, 23 Cèitean, 7f
Cnoc Soilleir, Dalabrog, Uibhist a Deas, 24 Cèitean, 7f
Talla Bhàgh a’ Chaisteil, Barraigh, 31 Cèitean, 7f
Talla Bhatarsaigh, 1 Ogmhios, 2f
Comann Eachdraidh Cheann a Loch, Baile Ailein, Leòdhas, 7 Ògmhios, 2.30f
Museum nan Eilean, Steòrnabhagh, 7 Ògmhios, 6.30f
Ionad nam Bàgh, Leac a’ Lì, Na Hearadh, 8 Ògmhios, 7f
Fèis & Slighe Chlò Innse Gall, Talla Bhaile a’ Mhanaich, 10 Ògmhios, 10m-4f
Museum & Leabharlann nan Eilean, Lìonacleit, Beinn na Fadhla, 13 Ògmhios, 7f
Talla an Iochdair, Uibhist a Deas, 14 Ògmhios, 2f
Ceann na h-Àirigh, Griomasaigh, 19 Ògmhios, 7.30f
Comann Eachdraidh Nis, Dail bho Thuath, 22 Ògmhios, 2f
Talla Scalpaigh, 22 Ògmhios, 7.30f
Tachartas air-loidhne sa Ghàidhlig, tro Zoom, 29 Ògmhios, 7f
Taigh Chearsabhagh & air-loidhne, 13 Iuchar, 7f
Tha am pròiseact seo a’ faighinn taic-airgid bho Bhòrd na Gàidhlig agus Urras Brosnachaidh na Gàidhlig.

