An robh sibh a-riamh ag iarraidh ealain clò-bhualaidh fheuchainn? Nach tig sibh chun na seiseanan eadar-ginealach seo còmhla ri neach ealain, Fiona NicÌosaig.
Bidh cothrom agaibh ealain clò-bhualaidh feuchainn agus bidh na dealbhan agaibh aig a’ cheann-thall brèagha gu brith dè an eòlas a th’ agaibh. Bidh roghainn nas freagarraiche ann do chlann bheaga cuideachd, ma tha sin a dhìth.
Chan eil feum air stuthan sam bith. Freagarrach air teaghlaichean, faodaidh clann agus inbhich pàirt a ghabhail ann. Bu chòir do dh’inbheach a bhith cuide ri clann sam bith fo aois 12.
Gus barrachd fhaighinn a-mach mu phròiseact a’ Ghàrraidh Ris Nach Robh Dùil aig na Beàrnain-Bhrìde, tadhail air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh. Bidh prògram an t-samhraidh fo bhlàth agus an t-sìde a’ blàthachadh, agus ma tha thu ag iarraidh dol gu tachartasan eile leis na Beàrnain-Bhrìde san àm ri teachd, cuir t’ ainm ris a’ chuairt-litir againn aig bonn na duilleig-lìn seo. Faodaidh tu Taigh Chearsabhagh a leantainn cuideachd air na meadhanan sòisealta airson fios, no tadhal às ùr air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh, a thèid ùrachadh gu cunbhalach.
‘S urrainn dhut leigeil fhaicinn gu h-ìosal, tron t-siostam tiogaidean an-asgaidh, ma tha dùil agad tighinn ann.