Home > Event > Co-fharpais-sgrìobhaidh Fèill Leabhraichean Uibhist

A cover with a muted greyish blue cloudy background with thin writing on the top centre reading ‘Uist Book Festival’ below is a white pencil like streak that divides the top text from the dominant text which is big in the centre, and white reading in a pencil like font ‘Writing Competition.’ Underneath the text follows another rough white streak in the centre.

Co-fharpais-sgrìobhaidh Fèill Leabhraichean Uibhist

Gabhaidh a’ cho-fharpais-sgrìobhaidh fhosgailte an cois na fèille seo ri duine sam bith a tha a’ fuireach ann an Uibhist neo am Beinn na Faoghla, air neo a chuireas a-steach tagradh/aidhean stèidhichte air feartan soisio-eaconomaigeach, eachdraidheil, neo cruth-tìreil nan eileanan seo; is tha i fosgailte do sgrìobhadairean eòlasach agus tùsail maraon.
Bidh ìrean fa leth air an sònrachadh do dh’òigridh (eadar 3-8 bliadhna air a’ cheann-latha, agus 8-16); mar ri aon ìre do dh’inbhich. Cuirear fàilte gu h-àraid air tagraidhean ann an Gàidhlig is ann am Beurla.
‘S e ‘Òige’ neo ‘Youth’ an cuspair mum bu chòir sgrìobhadh airson co-fharpais na bliadhna-sa, 2018. Tha tuilleadh ri leughadh sna leanas a thaobh cuir a-steach, riaghailtean tagraidh, is dhuaisean.
Inbhich
  • Sruthan fa leth do bhàrdachd (gun chuingeal air loidhneachan) agus do sgeulachdan goirid (gu 3000 facal a dh’fhaide)
  • Sruthan Gàidhlig is Beurla
  • Bàrdachd: Duais Bàrdachd Katharine Barr (1 x £50 duais anns gach cànan)
  • Sgeulachd Ghoirid: Duais Sgeulachd Ghoirid Thormoid MhicIllEathain (1 x £50 duais anns gach cànan)
  • Ma dh’fhaoidte gun tèid sàr-urram a bhuileachadh air ùghdaran anns gach sruth (gun duais airgid)
  • Breitheamhan: Pauline Prior-Pitt (Bàrdachd na Beurla); Helen Forbes (Sgeulachdan goirid na Berula); Mòrag Dhòmhnallach (Bàrdachd na Gàidhlig); Rosemary Ward (Sgeulachdan goirid na Gàidhlig)
  • Cìs tagraidh: £5/tagradh
Òigridh
  • 3-7 bliadhna a dh’aois: Tarraing dealbh den leabhar as fheàrr leat is sgrìobh beagan fhaclan mu dheidhinn.
  • 8-16 bliadhna a dh’aois: Sgrìobh sgeulachd ghoirid suas gu 500 facal a dh’fhaide, neo pìos bàrdachd.
  • Sruthan Gàidhlig is Beurla don fheadhainn tha 8-16; aon sruth a-mhàin don fheadhainn tha 3-7.
  • Eàrlas-leabhair luach £20 don tagradh a bhuannaicheas ann an gach roinn aoise agus cànain (3 uile gu lèir)
  • Breitheamhan: TBA
  • Gun chìs tagraidh
Duaisean

2 x £50 Duais Bàrdachd Katharine Barr (Tè sa Ghàidhlig, tè sa Bheurla)

2 x £50 Duais Sgeulachd Ghoirid Thormoid MhicIllEathain (Tè sa Ghàidhlig, tè sa Bheurla)

6 x £20 Eàrlas-leabhair do na co-fharpaisean-sgoile

Gheibh dàrna àiteachan sàr-urram.

Làithean cudromach
  • Gabhar ri tagraidhean bho: DiDòmhnaich 26mh den Lùnastal (Faodar tagraidhean a chur a-steach, leis a’ chìs fhreagarraich, aig tachartas na lainnse ach thoiribh an aire gur h-e seo fosgladh na co-fharpaise agus gun gabhar ri tagraidhean fad seachd sheachdainean a bharrachd na dhèidh)
  • Latha dùnadh na co-fharpaise, rom feum na tagraidhean uile bhith againne: DiLuain 15mh den Dàmhair (4f)
  • Cuirear fios gu na buainnaichean fhèin air: DiArdaoin 15mh den t-Samhain
  • Nithear èigheachd phoblach nan toraidhean air làrach-lìn Fèill Leabhraichean Uibhist air: DiArdaoin 22mh den t-Samhain
Cur a-steach
Feumaidh foirm leis an fhiosrachadh a leanas a bhith an cois gach tagraidh:
Ainm:
Tiotal an tagraidh:
Fios conaltraidh (‘S fheàrr àireamh-fòin is seòladh-d):
Ìre dha bheil an tagradh (cuir às dha seo mar as fhreagarrach):

Òigridh 3-7 bliadhna / Òigridh 8-16 bliadhna / Inbhich
Gàidhlig / Beurla
Bàrdachd / Sgeulachd Ghoirid (+ cunntas pongail nam faclan) Feumaidh cìs tagraidh (mas fhreagarrach) a bhith an cois an tagraidh cuideachd.
Faodar pàigheadh le seic, airgead, neo cairt aig an Learning Centre. Dèanaibh seicichean do Chothrom Limited. Gabhar ri pàigheadh le cairt air a’ fòn cuideachd. Gus fiosrachadh banca fhaighinn, cuir post-d thugainn aig enquiries@cothrom.net air neo fòn gu 01878 700910.
Faodar tagraidhean a chur a-steach le post-d gu enquiries@cothrom.net, le làimh chun an Learning Centre ann an Ormacleit, neo le post gu Cothrom Learning Centre, Ormacleit, HS8 5SA, Uibhist a Deas.
Riaghailtean tagraidh

1. ‘S an leat fhèin a dh’fheumas tagraidhean a bhith, gun chobhair o chàch.

2. Chan urrainn do thagraidhean a bhith air am foillseachadh neo an craoladh gu coimeirsealta, ann an clò neo air loidhne, neo air duais a chosnadh ann an co-fharpais eile. Faodar saothair a chur a-steach a chaidh fhoillseachadh leat fhèin, mura do choisinn i riamh duais ann an co-fharpais eile.

3. Feumaidh na tagraidhean uile freagairt don chuspair agus do riatanasan fosgailteachd Co-fharpais Fèill Leabhraichean Uibhist.

4. Is iad ìrean na co-fharpaise: òigridh 3-7 bliadhna a dh’aois; òigridh 8-16 bliadhna a dh’aois; bàrdachd le inbhich; agus sgeulachd ghoirid le inbhich. Aig gach ìre, ach a-mhàin òigridh 3-7 bliadhna a dh’aois, bidh sruthan fa leth, ach co-ionnan, do thagraidhean Gàidhlig is Beurla. Aig ìre òigridh 3-7 bliadhna a dh’aois, gabhar ri tagraidhean san dà chuid Gàidhlig is Beurla.

5. Faodaidh tagraidhean do cho-fharpais sgeulachd goirid nan inbheach a bhith 3,000 facal a dh’fhaide aig a’ char as fhaide. Chan eil cuingeal air uiread loidhneachan na bàrdachd. Do dh’òigridh 8-16 bliadhna a dh’aois, chan fhaod na sgeulachdan goirid a bhith ach 500 facal a dh’fhaide neo nas giorra.

6. Bidh breithneachadh nan tagraidhean cothromach is neo-chlaon. Bidh gach tagradh air a leughadh ’s a bhreithneachadh gun urra. Uime sin chan urrainn an t-ainm neo an seòladh agad nochdadh san tagradh fhèin; ni motha as urrainn susbaint neo comharran a bhith san t-saothair leis an aithnichte tu mar a h-ùghdar.

7. Feumar foirm-fiosrachaidh lìonte a chur a-steach an cois gach tagraidh. Sgarar am foirm bho do shaothair an dèidh faighinn an tagraidh. Gabhaidh na foirmean-fiosrachaidh a luchdachadh a-nuas agus tha iad rim faighinn aig seòladh na co-fharpaise; cuide ri sin, faodar an lìonadh le taidhpigeadh neo le làimh.

8. Aig gach ìre na co-fharpaise, feumar tagraidhean (le cìs tagraidh do shruthan nan inbheach) a chur, le làimh neo le post, gu seòladh na co-fharpaise: Cothrom Ltd, Ormacleit, Uibhist a Deas HS8 5SB (fòn: 01878 700910). Ma chuireas tu tron phost e, tha e an urra riut fhèin gun ruig e seòladh na co-fharpaise ro latha dùnadh na co-fharpaise. Thoiribh an aire nach fhaodar tagraidhean a chur a-steach air loidhne.

9. Feumar tagraidhean nan sgeulachd goirid a chur a-steach ann an ionc dubh air pàipear A4 aon-taobhach geal, le beàrnaidhean dùbailte agus cruth-clò de mheud 12 puingean. Feumaidh àireamh na duilleig a bhith soilleir air gach tè dhiubh, gun a bhith stapallaichte neo prìnichte ri chèile idir. Chan eil cruth àraid air a shònrachadh do thagraidhean bàrdachd. Ge brith an ìre dhan cuirear tagradh a-steach, feumaidh an tiotal a bhith sgrìobhte mu mhullach na ciad duilleige.

10. Cha ghabh cìsean tagraidh ìrean nan inbheach an tilleadh an dèidh am faighinn; cha ghabhar nas motha ri tagradh sam bith nach eil a’ chìs fhreagarrach na chois. ‘S urrainn do Chothrom pàigheadh a ghabhail le cairt. Gabhar ri tagraidhean nuair a gheibhear iad. Chan fhaodar tagradh atharrachadh idir an dèidh a chur a-steach.

11. Chan fhaod neach ach aon tagradh a chur a-steach do gach roinn. Gidheadh gabhar ris an aon tagradh ann an iomadh roinn.

12. Thoiribh dlùth-aire do làithean cudromach Co-fharpais Fèill Leabhraichean Uibhist.

13. Fanaidh còir-lethbhreach nan obraichean a chuirear a-steach do Cho-fharpais Fèill Leabhraichean Uibhist leis an ùghdar, ach glèidhidh Fèill Leabhraichean Uibhist a’ chòir na tagraidhean buadhmhor is sàr-urramaichte fhoillseachadh, air loidhne neo ann an clò, fad bliadhna air do na buannaichean fios fhaighinn gun do bhuannaich iad. Glèidhidh sinn cuideachd a’ chòir clàraidhean fuaime neo bhideo de na h-obraichean sam bith a chleachdadh airson sanasachd. Ma dh’fhaoidte gun roghnaich na buannaichean an tagradh fhaighinn air a chraoladh air An Radio, agus air a phostadh an uair sin mar fhoidhle fuaime air làraichean Fèill Leabhraichean Uibhist agus An Radio.

14. Chan urrainn dhunn tagraidhean a thilleadh, ged as urrainn an togail aig seòladh na co-fharpaise an dèidh don cho-fharpais dùnadh. an dèidh mìosa, lèir-mhillear obraichean nach deach  thogail.

15. Dì-cheadaichear tagraidhean nach fhreagair do riaghailtean na co-fharpaise. Thoiribh an aire nach fhaod eagraichean na co-fharpaise a dhol an co-luadar mu ghabhail, neo dhiùltadh, thagraidhean sam bith.

16. Is deireannach na roghainnean a nithear leis na breitheamhan a thaobh thagraidhean buadhmhor.

17. Tha sean gun cumar air n-ais neo gun atharraichear duiasean ann an roinn sam bith mura faighear tagradh air leth am beachd a’ bhreitheimh, air neo mura faighear gu leòr de thagraidhean.

18. Faodar conaltradh ri eagraichean na co-fharpaise tro làrach-lìn Fèill Leabhraichean Uibhist (www.uistbookfestival.org).

19. Cumar tachartas buileachadh nan duaisean aig Fèill Leabhraichean Uibhist 2018, (àite is latha TBC). Bidh siubhal chun an tachartais seo an urra ris na buannaichean fhèin.

20. Le bhith a’ cur a-steach tagradh, tha thu a’ gabhail ri riaghailtean na co-fharpaise.

Cleachdar cìsean tagraidh airson airgead duaisean na Co-fharpaise, agus airson amasan Fèill Leabhraichean Uibhist is coimhearsnachdan Uibhist is Bheinn nam Fadhla adhartachadh.