Home > Event > Co-labhairt Teiripean Ealain: Air a’ Chùl Fraoin

Co-labhairt Teiripean Ealain: Air a’ Chùl Fraoin

Tha ‘air a’ chùl fraoin’ ga chleachdadh sa Ghàidhlig gu meataforach, a’ ciallachadh àite a choreigin fad às, air an iomall.  Àite far am faodadh cruth-atharrachadh taobh a-muigh an àbhaist tighinn; gu litearail ‘taobh thall na beinne’.

Tha an t-àite eadar slànachadh ealain agus ealain ann am practas shòisealta no slàinte, na àite torrach airson luchd-cleachdaidh bho shaoghal fharsaing slàinte agus sunnd a thoirt ri chèile.  Tha an dàrna co-labhairt bhliadhnail Theiripean Ealain aig Taigh Chearsabhagh ann an Uibhist a Tuath, ann an co-bhonn le Institùid Rannsachaidh Slàinte is Ùr-ghnàthachadh OGE a’ cur aghaidh ris an eòlas is na dòighean-obrach cho-phàirteach seo le bhith a’ tabhann thaisbeanaidhean agus bùthan-obrach fèin-fhiosrach, an dà thaobh bho shealladh theiripean ealain agus bho na h-ealain ann an raon-obrach fharsaing slàinte, sunnd agus practas shòisealta.

Ann an teiripean ealain, bidh sinn ag atharrachadh na dòighean-obrach againn a rèir shuidheachaidh an neach agus faodaidh crìochan a bhith gu math stèidhichte no aig amannan gu math sùbailte.  Tha buaidh aig a seo air mar a tha an t-àite teiripe a’ faireachdain, dè dh’fhaodadh tachairt agus càileachd air dè dh’fhaodadh gabhail àite.  Bidh luchd-teiripe ealain tric a’ smaoineachadh air crìochan a thaobh sàbhailteachd saic-eòlach agus cuideachd a’ smaoineachadh air feartan glèidheadh agus cumail nan dòighean-obrach ealain fhèin, a bharrachd air an dàimh theiripe agus pròiseasan buidhne, agus dè a dh’fhaodadh tachairt leis a seo.  Ann an suidheachadh coimhearsnachd dh’fhaodadh an aon choltas a bhith air dòighean-obrach theiripean ealain agus na dòighean-obrach aig luchd-cleachdaidh ealain eile a tha ag obair fo mhodal slàinte is sunnd.  A bheil eadar-dhealachaidhean ann, agus ma tha, dè th’ annta?

Tha a’ cho-labhairt dà latha seo a’ toirt cothruim sgrùdaidh a dhèanamh air doimhneachd an raoin seo, air a stiùireadh le phroifeiseantaich bho na h-ealain, saic-eòlas, ealain àrainneachdail agus teiripean ealain.  Na lùib bidh a’ phrìomh òraidiche, an t-saic-eòlaiche agus fear-ciùil Raymond MacDhòmhnaill, neach-teiripe dràma agus neach-cleachdaidh ealain àrainneachdail Rachel-Clare Campling, neach-teiripe ealain Bridget Grant, neach-ealain Fiona NicÌosaig, an deasaiche cruthachail Sorcha Monk, neach-teiripe ealain Vicky Armstrong, neach-teiripe ciùil Alex Brown agus neach-teiripe ealain Catriona NicAonghais.  Obrachaidh iad cuide ri le luchd-frithealaidh san àite agus air-loidhne airson a’ chuspair seo a rannsachadh ann an doimhneachd, ann an dòigh rèidh is sàbhailte, tro thaisbeanaidhean agus com-pàirt fèin-fhiosrachail, a’ crìochnachadh le deasbad panail aig deireadh an dà latha, a bhios a’ gabhail a-steach gach duine.

Tha sinn cuideachd toilichte feasgar ciùil ùr le Raymond MacDhòmhnaill agus Niall MacDhàibhidh a chur air adhart air an fheasgar ron cho-labhairt, air 31 Lùnastal, a bhios fosgailte don h-uile duine.

Cuideachd ann an co-bhann ris a’ Cho-labhairt, tha taisbeanadh all that is remembered and not remembered ga thaisbeanadh ann an Gailearaidh Cafaigh Thaigh Chearsabhaigh.

Tha an clàr-ama gu lèir airson na Co-labhairt ri fhaighinn an seo: Clàr-ama Co-labhairt Teiripean Ealain: Air a’ Chùl Fraoin

Airson tuilleadh fiosrachaidh air na h-òraidichean agus na taisbeanaidh aca, leughaibh: Conference Biographies, Presentations & Workshops Descriptions

Tiogaidean

Tha e riatanach clàradh airson a’ cho-labhairt, le prìs shònraichte ga thabhann do dhaoine a tha a’ fuireach ann an Uibhist is Barraigh.  Gheibh a h-uile duine postd le ceangal Zoom airson gabhail pàirt air-loidhne ma dh’atharraicheas na planaichean agaibh aig a’ mhionaid mu dheireadh.

Tha tiogaidean fad aon latha rim faighinn ma bhios sin a dhìth.  Cuiribh postd gu taigh@taigh-chearsabhagh.org airson sin iarraidh.

Fiosrachadh Inntrigeadh

Bidh fear de na bùthan-obrach a’ gabhail àite a-muigh.  Bu chòir dhuibh brògan làidir, dìonach agus aodach freagarrach a thoirt leibh, le fios air cho caochlaideach sa tha an t-sìde.  Tha an talamh mì-chòmhnard agus tha am frith-rathad cumhang ann am pàirt.  Tha cuideachd creagan cladaich ann a dh’fhaodadh a bhith sleamhain.  Mur a bheil thu comfhurtail leis a’ chruth-tìre seo, tha roghainn eile ann airson bùth-obrach a-staigh.

Bidh luchd-frithealaidh air-loidhne a’ gabhail pàirt tro Zoom.  Bidh sinn a’ cleachdadh Cailleach-oidhche Coinneimh airson sealladh den seòmar co-labhairt a chraobh-sgaoileadh.