Home > Event > Coinneamh Bhliadhnail Comann Ealain Uibhist & Òraid le Mary Arnold-Forster

Photo of a person in a shed working on a sheet of wood.

Coinneamh Bhliadhnail Comann Ealain Uibhist & Òraid le Mary Arnold-Forster

Thèid Coinneamh Bhliadhna Comann Ealain Uibhist a chumail ann an Taigh Chearsabhagh air Dihaoine 26 Giblean 2024.

Tha sinn air ar dòigh gu bheil an t-ailtire Mary Arnold-Forster a’ tighinn a bhruidhinn rinn ron choinneimh, mun obair aice agus am foillseachadh aice, an iris Alder.  Bidh fàilte ron a h-uile duine, is mar sin feuch gun leig sibh fhaicinn do dhaoine agus thoiribh fiathachadh do charaidean agus do chàirdean.

Tòisichidh sinn aig 6.30f, ach faodaidh sibh tighinn uair sam bith bho 6.15f.  Bidh deochan rim faighinn agus tòisichidh a’ Choinneamh Bhliadhnail an-dèidh òraid Mary.

Dealbh aghaidh an iris Alder, le dealbh air taigh is caoraich air a bheulaibh.

Bidh Mary cuideachd a’ toirt leatha cruinneachadh dhealbhan bhon chiad dà dheasachadh de Alder agus bidh seo na thaisbeanadh goirid aig Taigh Chearsabhagh airson beagan làithean.

“Tha Alder a cheart umhir mu dheidhinn cruth-tìre, pàtarain beatha, stuthan, dathan agus poileataigs sa tha e mu dheidhinn toglaichean fa lath no pìosan ealain.  ’S e clàradh a th’ ann air obair ùr le daoine a tha dha-rìreabh a’ dol an sàs ann an àite agus traidisean airson tuigse nas fheàrr fhaighinn air dè tha riatanach agus comasach – seach snas is sgeadachadh.”