Home > Event > Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath: Cafaidh Gàidhlig airson an teaghlaich

Black and white photo of children on beach, running towards the waves

Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath: Cafaidh Gàidhlig airson an teaghlaich

Tha Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath a’ toirt fiathachadh dhuibh gu sreath thachartasan Gàidhlig, freagarrach air luchd-ionnsachaidh agus fileantaich aig gach aois, air madainnean Disathairne sa Ghearran agus sa Mhàrt.

Cinn-là:

Disathairne 17 & 24 Gearran.

Disathairne 2, 9 & 16 Màrt

Uair:

10.30m-12.30f

Cur-seachadan:

  • Cothrom do dh’fhileantaich bruidhinn gun Bheurla
  • Geamannan Gàidhlig – Scrabble ùr sa Ghàidhlig
  • Luchd-ionnsachaidh a’ cleachdadh na Gàidhlig còmhla – bidh sgrioptaichean agus geamannan ri fhaighinn 
  • Cothrom do chlann cluich, dealbhan a dhèanamh agus còmhradh
  • Leasanan do luchd-tòiseachaidh.  Clasaichean leth-uair a thìde, bho 11.30m-12f.  Bidh leabhran ri fhaighinn.  

Tha na tachartasan an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine.  Airson tuilleadh fiosrachaidh, tadhalaibh air duilleag Facebook Chomann Eachdraidh Uibhist a Tuath.