Pìosan-obrach Beaga. A’ gabhail a-steach obair oileanaich ealain UHI ionadail.
A’ togail air soirbheachas bhliadhnaichean roimhe, tha taisbeanadh geamhraidh Comann Ealain Uibhist na bliadhna-sa a’ leantainn cuspair Pìosan-obrach Beaga. Tha na taisbeanaidhean againn fosgailte do na buill againn gu lèir airson obair a thaisbeanadh, agus tha sinn air ar dòigh cuideachd a bhith a’ gabhail a-steach obair bho oileanaich air cùrsaichean ealain UHI Innse Gall na bliadhna-sa.
Tha fàilte bhlàth romhaibh gu feasgar fosglaidh an taisbeanaidh, air Disathairne 3 Dùbhlachd aig 4f.
Chaidh Comann Ealain Uibhist (UAA) a stèidheachadh còrr is 25 bliadhna air ais, le buidheann dhaoine aig an robh ùidh ann a bhith ag adhartachadh agus a’ brosnachadh na h-ealain ann an Uibhist, a’ gabhail a-steach luchd-ealain, luchd-cruthachaidh, sgrìobhadairean, agus daoine a bha ag iarraidh taic a chur ri tachartasan is tuigse air na h-ealain. Bha an UAA an sàs ann an Taigh Chearsabhagh a chur air stèidh.
Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh, na lùib fios mu gabhail ballrachd agus iomradh air cuid de na buill againn, air an làrach-lìn aig UAA.
Tha an taisbeanadh an-asgaidh agus ri fhaicinn ann an Gailearaidh Cafaidh Thaigh Chearsabhaigh agus Stiùideo 1, 10m-4f, bho Dhiluain gu Disathairne.