Home > Event > Comharrachadh: Seachdain Leabhraichean na h-Alba 2021

A stylised cover that has a variety of shades of pink in the background. The middle ground features a photograph of open books on the right side of the cover. The foreground features a little man with dark brown hair and moustache, he is wearing a light blue jumper and striped orange trousers. He is holding a white sign promoting Book Week Scotland 2021. Behind him is some more pink promotional graphics with three cartoon characters celebrating this event.

Comharrachadh: Seachdain Leabhraichean na h-Alba 2021

Is e Comharrachadh an cuspair a chaidh a shuidheachadh airson Seachdain Leabhraichean na h-Alba 2021. Aig Taigh Chearsabhagh, tha sinn a’ comharrachadh bàrdachd Gàidhlig agus Beurla. Ann an nota gu COP26, bidh sinn a’ roinn dàin a bhios a’ comharrachadh no a’ nochdadh dragh mun àrainneachd againn.

Bidh leabhraichean le cuspair Comharrachadh an-asgaidh rim faighinn sa bhùth do dhuine sam bith a bhios a’ tadhal air Taigh Chearsabhagh fad Seachdain nan Leabhraichean, 15mh – 20mh an t-Samhain.

Anns an taigh-bidhe bidh dàn co-obrachail ‘cuir loidhne’ ris am faod luchd-tadhail cuir ris fad na seachdain, leis an dàn cruinnichte ri leughadh a-mach aig an oidhche bàrdachd air Disathairne.

Bidh na bàird Anne Frater agus Peter MacKay còmhla rinn tro Zoom Dihaoine 19mh aig 7.30f gus na dàin aca a leughadh ann an Gàidhlig, le eadar-theangachaidhean Beurla. Leigidh Anne agus Peter a-steach sinn air a’ phròiseas sgrìobhaidh aca, agus an eòlas air a bhith ag obair gu dà-chànanach. Glèidh do thiogaidean air-loidhne an seo.

Air madainn Disathairne 20mh bho 10.30m, bidh Taigh Chearsabhagh a’ cumail bùth-obrach sgrìobhaidh air beachdan mu chomharrachadh le Pauline Prior-Pitt. Glèidh do thiogaidean an seo.

Bidh Mandy Haggith, bàrd àrainneachd, a’ leughadh beò aig Taigh Chearsabhagh gus COP26 a chomharrachadh feasgar Disathairne 20mh aig 7.30f. Thèid an dàn coitcheann ‘cuir loidhne’ a leughadh a-mach le Mandy. Bidh seo na thachartas beò le astar sòisealta anns an taigh-bidhe aig Taigh Chearsabhagh le tachartas Zoom co-shìnte dha daoine a b’ fheàrr leotha a bhith an làthair air-loidhne. Glèidh do thiogaidean an seo.