Creag Agus Uisge


  • Ceann-latha
  • Seòrsaichean Tachartais Na h-Ealainean

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 Tha mi ag itealaich os cionn Uibhist a Tuath air an fheasgar, anmoch san t-Samhain. Tha smaointinn air an laighe air raon-adhair Bheinn nam Fadhla a’ cur rudeigin de dh’iomagain orm. Nochdaidh a chlisgeadh fodham, tron sgòth dhubh-ghlas, cruth-tìre ro-fharsaing, ’s e a’ sìneadh a-mach gu ruige crìoch an t-saoghail. Cruth-tìre anns a bheil barrachd uisge na fearann, far an èirich creagan à tonnan dealrach nan lochan airgid is feòdair, agus às a’ mhuir gun tàmh. Fhad ’s a tha an t-itealan a’ teàrnadh gu cearbach an lùib nan gaoithtean làidir, thig maoim orm ’s mi an dùil nach eil raon-laighe air thoiseach oirnn idir, nach eil anns an t-saoghal seo ach uisge. Tha an laighe fhèin na cùis-bhrùthaidh, mar gun deach mo thilgeil far nan speuran aig astar a-nuas chun an uachdair chruaidh chloiche. Gidheadh, fairichidh mi aoibhneas an aidreanailin, ’s mi air tilleadh do na h-eileanan seo.

creag agus uisge

Tha tarraing mhagnaiteach anns an tìr seo de chreag is de dh’uisge, a tha suidhichte cho fada san iar-thuath ’s a ghabhadh, do mhac-meanmna cruthachail nan còignear a ghabh compàirt san taisbeanadh seo, is bidh i cuideachd ag iomain an cuid ealain air adhart. A bharrachd air sin, tha a’ mhòr-chuid dhiubh nan còmhnaidh ann an Uibhist a Tuath.

Tha e na adhbhar-ùmhlachaidh a bhith anns na stiùideothan aca. Tha gach fear dhiubh mar chomraich shàmhach an aghaidh na gaoithe ’s an uisge bhagarraich a-muigh. Obraichidh na stiùideothan-eilein seo mar ionadan cruthachaidh is meòrachaidh. Ann am fear dhiubh, tha an seòmar drùidhte le fàileadh a’ pheant-ola ùir; tha pailead de dhathan a’ cur an cuimhne dhuinn na machrach as t-samhradh, ’s i fo làn-bhlàth le flùraichean de gach seòrsa, no crotal tha a’ leantainn ri cloich àrsaidh. Ann am fear eile, tha molag mhòr a chaidh a bhleith leis a’ mhuir a’ crochadh gu trom air bileagan brèagha pàipeir mharmoraich air an ùr-dhèanamh, agus faisg air làimh tha guillotine deiseil gus gearradh mairbhteach a dhèanamh. Pàipear, siosar, clach; far a bheil luchd-ealain is cruthachadh ealanta, tha riosg ann. Do neach-ealain eile dhiubh, tha a’ mhuir fhèin mar phàirt den stiùideo. Tha i na h-àite sruthach lìonaidh is tràghaidh sam bogar rudan mus tog iad ceann a-rithist mìosan an dèidh làimh, air an cruth-atharrachadh tro bhaisteadh caochlaidh chruthachail.

Ann a bhith a’ bruidhinn ris an luchd-ealain, thathar mothachail gum bi iad a’ sìor-choimhead a-mach air uinneag an stiùideo. Tha e na ghnìomh meòrachail, ath-thriallach a dh’òlas a-steach an sealladh, mar ghnogadh a’ chinn le freagairt do nàdar is da chumhachd mìorbhaileach air brosnachadh is air rudan ùra a thabhann, rudan ris nach eil dùil. Ann am mìosan a’ gheamhraidh cho fada gu tuath, tha an solas prìseil, agus as t-samhradh cha tric a thèid e à sealladh.

rock and water

Do na peantairean Fiona Pearson, Marnie Keltie agus Anja Baardmann tha stuth a’ pheanta fhèin ro-chudromach. Tha bogadh sa chruth-tìre fhèin na ghnìomh ceasnachaidh is ionnsachaidh dhaibh; a bhith a’ beantainn dha, ’s a’ faighinn fàileadh, a’ coiseachd, ’s a’ snàmh. Tha geur-fhaireachdainn aca cuideachd do dh’eachdraidh agus àrc-eòlas pailt an àite; maille ris an fhiosrachadh nach iad na ciad daoine a lean na frith-rathadan seo thar a’ mhonaidh, a’ chòrsa, ’s a’ chnuic. Tha àiteachan ann a leithid Bharpa Langais, a fhuair inbhe mar fheadhainn de na structuran cloiche as sine ann an Eòrpa a rinneadh le mac an duine. Seo agaibh tìr anns a’ bheil an geòlas a’ toirt comas, agus anns am faighear leacan-dìlinn ro-mhòr a bheò-ghlacas an aire agus a lasas am mac-meanmna, a’ brosnachadh gach duine aca gus an cuid fhèin-fhiosrachaidhean fhèin a dhaingneachadh gu maireannach ann an dealbh-tharraing is peantadh sgairteil. Tha a h-uile marc na bhloigh-fiosrachaidh tanaichte air na tha an lùib a bhith beò sna h-eileanan seo.

Agus leis an sin tha geòlas leabhar-cheanglaidh. Ann an obair iongantach an neach-ciùird Corinna Krause, thèid pàipear, clò is cairt a mharmorachadh, fhilleadh, agus fhàsgadh mun innlichear is mum fuaighear iad gus geo-leabhraichean is bocsaichean-ulaidh mìorbhaileach a chruthachadh. Tha na h-obraichean seo nan soithichean-fiosrachaidh airson ar mac-meanmna a ghlacadh; ar beachdan-smuain, ar sgeulachdan, is na rudan prìseil a tha againn. Tha gach fear dhiubh na mhac-talla air na neartan ro-mhòr a chruthaich, a phaisg, is a dh’fhàg an làrach air an gneiss ’s a’ bhasalt Leòdhasach a chum an cruth-tìre mun cuairt air an stiùideo aig Krause. Cuidichidhear sinn leis na rudan seo, a ghabhas làimhseachadh is fosgladh, gus tuigse nas fheàrr fhaighinn air an libheadan mhòr chianail de dh’uisge reòthte a bha uair a’ snàigeadh thar a’ chrutha-thìre seo, a’ meileadh cloiche ri cloich.

Chan eil mìr de dh’Uibhist a Tuath nach aithne do Fergus Granville. Gu dearbh, thig cuid mhòr den obair-ealaine aige gu bith an toiseach mar thiùrr an làin a thèid a sguabadh gu tràigh iomallach leth-oireach nach tèid aig daoine àbhaisteach a ruigheachd. Àiteachan dìomhair, draoidheachdail a tha cruthach is eas-cruthach sa cheart àm.  Le bhith a’ dol san eadraiginn air dòigh chruthachail, thèid sgeulachdan ùra a chur ri chèile a-staigh san stiùideo aige a bheir sinn a-steach do shaoghal seantaidh, ’s e a’ cur cheistean domhainn mar dèidhinn fhìn. Tha buadhan os-nàdarra aig na h-ìomhaighean seo, anns a bheil làthaireachd dhiadhaidh no naomh. Làthaireachd a dh’aithnicheadh ar prìomh-athraichean. Mar an daon-eòlaiche iomraiteach Bhictòrianach William Pitt Rivers, tha bòrd-snùcair anns an stiùideo aig Granville a tha a-nis na chlàr sònraichte airson cruinneachadh, tasglannadh, saothrachadh cruthachail agus ath-bhreithneachadh spòrsail gun leisgeul.

fels und wasser

Tha an taisbeanadh seo a’ comharrachadh feart eile ar beò-bhith anns na h-eileanan seo de chreag is de dh’uisge, a tha suidhichte mar innsean-mara iomallach ann an iar-thuath na h-Eòrpa. Tha smuain a’ cho-shrutha uile-chudromach o chionn nam mìltean bliadhna ann a bhith a’ cruthachadh geòlas Uibhist a Tuath, is chan e siud a-mhàin, ach cuideachd a cultar is a coimhearsnachd. Tha na h-eileanan seo ainmeil air sgàth na h-aoigheachd sònraichte a gheibhear annta, agus iad air ginealaichean de choigrich thaistealach bho air feadh an t-saoghail a ghabhail air aoigheachd thairis air na bliadhnachan. Leis gur ann às àiteachan a bha roimhe mar phàirt den Ghearmailt an Ear a tha dithist de luchd-ealain an taisbeanaidh seo, agus tè dhiubh a-nis air a dachaigh a dhèanamh san eilean, tha e a’ sealltainn gu bheil na h-eileanan tha seo san teis-meadhan, seach a bhith thall air an iomall. Ma tha an leithid de rud ann ri tuath-na-combaiste cultarach, ’s ann an seo a tha e.

Prof. Keith McIntyre

Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean