Home > Event > Creutairean Miotasach

Series of images, photo, cyanotype and drawing, of mythical creatures sculpted at childrens' workshops.

Creutairean Miotasach

’S e Creutairean Miotasach taisbeanadh de dh’obair a chaidh a chruthachadh aig sreath bhùthan-obrach do chloinn, is iad a’ sgrùdadh charactaran bho bheul-aithris Ghàidhlig.  Chaidh na trì bùthan-obrach an cumail aig Taigh Chearsabhagh le naoi sgoilearan, aois 8 gu 13.  Bha na creutairean miotasach a chruthaich iad stèidhichte air cunntasan sgrìobhte bho bheul-aithris Ghàidhlig.   An toiseach, rinn a’ chlann cyanotypes bho na dealbhan aca air na caractaran a thagh iad fhèin.  An uair sin, rinn iad ìomhaighean dhiubh le creadh a bhios a’ tiormachadh san èadar.  Chaidh dealbhan an gabhail dhiubh air a’ chladach agus rinneadh cyanotypes leotha sin.  Chleachd a’ chlann an uair sin na h-ìomhaighean a rinn iad, airson ‘preasaichean iongantas’, le stuthan ath-chuairtichte agus rudan a lorg iad.  Bha na bùthan-obrach air an cur air dòigh agus air an stiùireadh le Kathrhona Lawson.

Chithear obair san taisbeanadh bho Alexia Criado, Cathal Dobbie, Joseph Leveson-Gower, Alexandra NicDhòmhnaill, Katie NicDhòmhnaill, Kaylah NicDhòmhnaill, Orla Mhoireasdan, Jack Prior-Pitt agus Johan Prior-Pitt.

Cheumnaich Kathrhona bho Oilithigh na Gàidhealtachd is nan Eilean bho chionn ghoirid, le Urram anns na h-Ealain Saora.  Tha ceanglaichean bhon linn a dh’fhalbh, tro bheul-aithris, agus leantainneach sgeulachdan a chaidh an diochuimhneachadh, a’ ruith tron obair iomadh mheadhan aice.  Tha ùidh aice ann an com-pàirteachadh sòisealta agus coimhearsnachd agus sin a thug oirre bùthan-obrach a ruith bho chionn ghoirid, aig Taigh Chearsabhagh agus An Talla Solais.

Tha an taisbeanadh an-asgaidh agus fosgailte don h-uile duine bho 10m-4f, Diluain gu Disathairne, anns a’ Chafaidh ann an Taigh Chearsabhagh.  Ma tha thu nad neach-ealain òg le obair san taisbeanadh seo, gheibh thu seòclaid teth an-asgaidh – chan fheum thu ach faighneachd sa Chafaidh.

Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.

Còir-deilbhe: Kathrhona Lawson.