Tha fàilte chridheil oirbh a thighinn còmhla rinn airson cruinneachadh sònraichte gus na taisbeanaidhean a th’ ann an Taigh Chearsabhagh an-dràsta a chomharrachadh. Thigibh airson Atharrachadh, Trì, agus Obair ri Abachadh fhaicinn, coinnich ris na luchd-ealain agus bruidhinn air na sàr obraichean a tha air an taisbeanadh.
Bidh biadh an-asgaidh ri fhaighinn, agus bidh na dorsan fosgailte bho 7.30f. Chan eil feum air tiogaid airson an tachartais seo ach bidh sinn ag iarraidh air luchd-tadhail a bhith a’ cleachdadh astar corporra far an gabh sin dèanamh.