Home > Event > Cuairt-dànachd ann am fuaim

Outline image of a map of part of Uist in white on a dark green backgrounds and yellow spots to it's right.

Cuairt-dànachd ann am fuaim

Àiteachan fhathast air fhàgail airson Disathairne 10 & 17 Ògmhios!

Dè am fuaim a tha aig feasgaran Shathairne? Dh’fhaodadh Disathairne àrd-ghlòrach a bhith agad leis an t-sreath shònraichte againn de bhùthan-obrach fuaim, air an dealbhachadh le Donnchadh MacLèoid, an ceòladair air mhuinntearas againn.

Tha sinn a’ cur air adhart trì seiseanan an seo aig Taigh Chearsabhagh, cuide ri neach-ealain Calum Fearghasdan, far an ionnsaich sibh dòighean anns an gabh fuaim cleachdadh airson ceòl agus buaidhean-fuaim a chruthachadh.

Thairis air na trì seiseanan, ionnsachaidh sibh mar mar a nì sibh clàradh agus deasachadh air fuaim le bhith a’ cleachdadh uidheam shònraichte airson clàradh a-muigh agus a-staigh.  Gheibh sibh cuideachd cothrom teicneòlas annasach fheuchainn, a nì clàradh air fuaim fon uisge agus fon talamh!

Tha na seiseanan an-asgaidh seo airson clann aois 8-14 bliadhna a dh’aois agus aig a bheil ùidh ann a bhith ag obair le fuaim agus ceòl. Bidh Calum a’ cleachdadh Gàidhlig agus Beurla – bidh fàilte blàth ron Ghàidhlig agaibhse. 

Bidh measgachadh de dh’obair a-staigh agus a-muigh an lùib na seiseanan fuaim seo.  Bu chòir dhuibh aodach agus brògan freagarrach a thoirt leibh, a’ gabhail beachd air cho caochlaideach sa tha an t-sìde.  Ma tha cluasan-cìnn ùeir agaibh fèin, thoiribh iad sin leibh cuideachd.

Nam bu toigh leibh tighinn airson dìreach aon seisean no dhà, tha sibh làn di-beathte sin a dhèanamh.  Taghaibh an t-seachdain a tha a dhìth oirbh le bhith cleachdadh na roghainnean aig bonn na duilleige.