Home > Event > Cuairt-fuaime Orasaigh: A’ chiad chur air bhog

Circular photo of a beach leading to Orasaigh, overlaid with orange and an outline map of South Uist.

Cuairt-fuaime Orasaigh: A’ chiad chur air bhog

Thigibh còmhla ri Donnchadh MacLèoid, ar ceòladair air mhuinntireas, agus am bàrd Steve Ely airson a’ chiad chur air bhog de Chuairt-fuaime Orasaigh.  Tha a’ cuairt-fuaime seo 35 mionaid a dh’fhaid agus na lùib tha leughaidhean air bàrdachd Orasaigh aig Steve Ely, le pìosan ciùil tùsail is fuaimean gad chuairteachadh, air a’ chlàradh an cois cuairt-coiseachd timcheall costa Baghasdal agus Orasaigh.

Bu chòir dhuibh brògan coiseachd agus aodach freagarrach air an t-sìde a chur oirbh! 

Faodaidh sibh tadhal uair sam bith eadar 1f agus 3.30f.  Coinnichidh sinn aig Seann Chladh Baghasdal.

What3Words: ///smarting.outgrown.backpacks

Tha ceum coiseachd meadhanach doirbh mar phàirt den tachartas seo, a tha mu mhìle a dh’fhaid.

 

Tha an tachartas seo ga thabhann ann an co-bhann ri taisbeanadh Orasaigh aig Taigh Chearsabhagh.  Tha bùthan-obrach eile fosgailte airson àite a ghlèidheadh cuideachd:

Disathairne 4 Samhain 

Sgrìobhadh cruthachail, do chlann & teaghlaichean, le Steve Ely.  Taigh Chearsabhagh, 10m-12f

Sgrìobhadh Cruth na Tìre Apocailipteach, le Steve Ely. Taigh Chearsabhagh, 2-4f

Là na Sàbaid 19 Samhain 

Toiseach tòiseachaidh ann an Dealbhadaireach Didseatach, le Mìcheal Faint. Gearraidh na Monadh, Uibhist a Deas, 2-4f

Tha na bùthan-obrach an-asgaidh, ach chan eil mòran àiteachan ann is mar sin bu chòir dhuibh àite a ghlèidheadh ro làimhe.

Airson feuchainn nuair a thogras sibh fhèin, gheibh sibh faidhle Cuairt-fuaime Orasaigh an seo: Orasaigh – a geolocated audio walk.

Tha Steve Ely na bhàrd is sgrìobhadair, a tha air iomadh duais a chosnadh, is e stèidhichte ann an siorrachd York.  Tha e air grunn leabhraichean bàrdachd fhoillseachadh, nan lùib tha The European Eel (2021), Lectio Violant (2021) agus Englaland (2015), nobhail Ratmen (2012) agus cunntas beatha air leasachadh bàrdachd a’ bhàird Shasannaich Ted Hughes – Ted Hughes’s South Yorkshire (2015).  Bidh e a’ teagasg sgrìobhadh cruthachail aig Oilthigh Huddersfield, far a bheil e cuideachd na Stiùiriche air an Ted Hughes Network.  Bha e na thidsear àrd-sgoile fad fichead bliadhna agus tha e eòlach air a bhith a’ teagasg ann an suidheachaidhean coimhearsnachd.  Bidh Steve tric a’ tadhal ann an Uibhist a Deas, agus bidh a’ bhàrdachd fad-leabhair aige, Orasaigh, a tha na phìos-obrach ann an co-bhann ri dealbhadair Mìcheal Faint, stèidhichte ann an Uibhist, ga fhoillseachadh le Broken Sleep Records san Lùnastal 2024.