Home > Event > Cyanotype agus Beul-aithris Ghàidhlig

Series of 3 drawn images in blues and white.

Cyanotype agus Beul-aithris Ghàidhlig

Disathairne 4, 11 agus 18 Gearran, 2-3.30f.

’S e beul-aithris Ghàidhlig cuspair na trì bùthan-obrach feasgair seo.  Bidh cothrom aig clann caractaran bho bheul-aithris Ghàidhlig a rannsachadh gu cruthachail tro cyanotype agus creadha.  Thèid na riochdan cruthachail aca fhoillseachadh don choimhearsnachd tro thaisbeanadh ann an cafaidh Thaigh Chearsabhaigh.  Tron phròiseas, bruidhinnidh sinn air feartan nan diofar charactaran agus na sgeulachdan co-cheangailte riutha.

Bheiridh na trì seiseanan toiseach tòiseachaidh do chlann ann a bhith a’ feuchainn diofar stuthan, a’ cleachdadh cyanotype, obair chreadha, nithean a chaidh an lorg agus collage.  Ann an Seisean 1 bidh a’ chlann a’ cur eòlas air agus a’ rannsachadh charactaran bho bheul-aithris agus a’ cruthachadh ìomhaighean cyanotype air pàipear.  Ann an seisean 2 nì sinn tuilleadh rannsachaidh air na caractaran anns na trì meudan, a’ cleachdadh creadha agus stuthan air an lorg.  Anns an t-seisean mu dheireadh, cuiridh sinn na modailean trì meudachd cuide ri na h-ìomhaighean cyanotype gus na pìosan-obrach iongantach againn a chruthachadh airson an taisbeanaidh.

Air a mholadh airson aoisean 8-14 bliadhna.

Bidh bùth-obrach eile Glas ’s Gorm: Roghainn eile Cyanotype ann air 25 Gearran, air a mholadh do dh’òigridh aois 12-18 bliadhna.