Thigibh còmhla rinn ann an Seachdain Leabhraichean na h-Alba airson feasgar bàrdachd cuide ri George Gunn, a tha na sgrìobhadair chliùteach air Ghàidhealtachd.
Tha cuspairean air lorg m’ àite-sa agus dèanamh dachaigh dheth a’ tabhann co-theacsa bheairteach anns an dèan George sgrùdadh is beachdachadh air, agus comharrachadh an dualchas, eachdraidh agus àrainnachead nàdurra bhrìoghmhor air a’ Ghàidhealtachd agus Eileanan na h-Alba.
Tha George Gunn à Inbhir Theorsa, Gallaibh. Ann an 2021 dh’fhoillsich e an deicheamh leabhar bàrdachd aige “Chronicles of The First Light” (Drunk Muse Press). Nochdaidh an dàrna nobhail aige “The Vinegar Wind” ann an 2022. Chaidh còrr is 50 de na dealbhan-chluich aige an riochdachadh airson an àrd-ùrlair agus rèidio. ’S iad an fheadhainn as ùire “Call Me Mister Bullfinch” (coimisean bhon Royal Lyceum Theatre) agus “The Fallen Angels of the Moine” (Dogstar Theatre, 2022). Bidh e a’ sgrìobhadh airson na h-iris Bella Caledonia. ’S esan an-dràsta Makar Ghallaibh aig Lyth Arts Centre.
“Tha George Gunn na bhàrd le spionnadh agus liriceach. Gun eagal.”
Anne NicLeòid, Scotland On Sunday.
Chan eil ach àireamh bheag de thiogaidean ri fhaighinn airson an tachartais seo. Ma ghlèidheas sibh tiogaid agus nach urrainn dhuibh tighinn ann air adhbhar sam bith, bhiomaid nur comain nan cuireadh sibh fios gu taigh@taigh-chearsabhagh.org gus an urrainn dhuinn a thabhann do chuideigin eile.
Bidh George Gunn cuideachd a’ ruith bùth-obrach sgrìobhaidh aig Taigh Chearsabhagh air Dihaoine 18 Samhain.
Nam bu toigh leibh taic a chur ris a’ phrògram againn agus ar cuideachadh tachartasan a thabhann an-asgaidh, dh’fhaodadh sibh tabhartas a thoirt do Thaigh Chearsabhagh.