Bidh Andrew nar cuideachd airson seisean Ceist is Freagairt air 20mh Iuchar, fhad ’s a tha e a-bhos ann an Uibhist ag obair na dhealbhadair do Fhèis-ciùil Eilean Dorcha. Thigibh chun a’ ghailearaidh no tadhalaibh oirnn tro Zoom airson barrachd a chluinntinn mun chùrsa-beatha aig Andrew ann an dealbhadaireachd, na dòighean-obrach agus stiùireadh cruthachail aige.
Tòisichidh an tachartas gu lèir aig 7.30f. Fosglaidh an togalach aig 7f don luchd-èisteachd a tha a’ tighinn a-steach a Thaigh Chearsabhagh, gus am bi a h-uile duine nan suidhe mus tèid sinn beò air-loidhne. Bu chòir dhuibh tiogaid air-loidhne iarraidh nam bu toigh leibh an ceangal Zoom fhaighinn. Thèid an ceangal an uair sin a sgaoileadh air post-dealain mus tòisich an tachartas. Dèanaibh cinnteach gu bheil sibh air an fhiosrachadh agaibh a thoirt seachad gu ceart nuair a tha sibh a’ glèidheadh tiogaid.
Gabhaidh na dealbhan san taisbeanadh aig Anndra an ceannach tro bhùth air-loidhne Thaigh Chearsabhagh.