Home > Event > Dèan dealbh Gàrradh Draoidheil le Anne Rabbitts

Dèan dealbh Gàrradh Draoidheil le Anne Rabbitts

Faodaidh dealbhadairean aig gach aois agus aig gach ìre comais pàirt a ghabhail sa bhùth-obrach spòrsail seo, fad uair a thìde, sa Ghàrradh Draoidheil aig Leabharlann Lìonacleit

Bidh tòrr spòrs an lùib dealbhachadh agus cuir dath air gàrradh cho annasach is cho draoidheil sa thogras tu.  Lìon do dhealbh le dìthein, eòin, biastagan, lusan is measan, uile cho dathach ri chèile! Dh’fhaodadh tu fiù ’s na caractaran as fheàrr leat bho sgeulachdan a chur an lùib an deilbh: tha fàilte air dragain is dineasaran gu Gàrradh Draoidheil Bhèarnan-Brìde.

Chan eil feum air stuthan sam bith. Freagarrach air teaghlaichean, faodaidh clann agus inbhich pàirt a ghabhail ann.  Bu chòir do dh’inbheach a bhith cuide ri clann sam bith fo aois 12.

Gus barrachd fhaighinn a-mach mu phròiseact a’ Ghàrraidh Ris Nach Robh Dùil aig na Beàrnain-Bhrìde, tadhail air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh. Bidh prògram an t-samhraidh fo bhlàth agus an t-sìde a’ blàthachadh, agus ma tha thu ag iarraidh dol gu tachartasan eile leis na Beàrnain-Bhrìde san àm ri teachd, cuir t’ ainm ris a’ chuairt-litir againn aig bonn na duilleig-lìn seo. Faodaidh tu Taigh Chearsabhagh a leantainn cuideachd air na meadhanan sòisealta airson fios, no tadhal às ùr air duilleag pròiseact a’ Ghàrraidh, a thèid ùrachadh gu cunbhalach.