Tha sinn a’ siubhal cuideigin èasgaidh a thigeadh an lùib sgioba TC. Cuideigin a choimheadadh air an obair seo mar chothrom leasachaidh; cuideigin a tha aoigheil, dìcheallach, sgairteil agus a tha titheach air bèicearachd agus biadh math às an sgìre a th’ air a dheagh thaisbeanadh.
Lorgar barrachd fiosrachaidh mun obair ann am Pasgan Tagraidh Manaidsear a’ Chafè. Cuir brath gu norman@taigh-chearsabhagh.org neo jane@taigh-chearsabhagh.org neo thig a-steach a dh’iarraidh am pasgan.
Latha dùnadh thagraichean; 30mh am Màrt, 2018
An cois an tagraidh, nach cuir thu:
- Litir chòmhdaich no post-d ag innse carson a bu mhath leat an obair.
- Reasabaidh inntinneach a dh’fhaodadh an Cafè a thabhainn;
- An tagradh ’s e air lìonadh:
Bidh an obair airson 35 uairean san t-seachdain, le 1-2 DiSathairne sa mhìos, agus 2 latha dheth san t-seachdain.
Bidh tuarastal ann, £16k-£19k a rèir eòlais.
Feumaidh deagh sgilean bèicearachd, bhiodh Gàidhlig na buannachd.