Tha an club leughaidh DUILLEAG an-dràsta a’ leughadh No Great Mischief le Alasdair MacLeòid. Thig còmhla rinn air 16 Òg-mhios gus coinneachadh le Dr Iain S. Mac a’ Phearsain agus bruidhinn air cuspairean an leabhair agus an co-theacsa anns an deach a sgrìobhadh. ‘S i Kathleen NicAonghais a bhios a’ còmhradh ri Iain, agus tha fàilte air luchd-leughaidh agus luchd-èisteachd am beachdan a thoirt seachad agus ceistean fhaighneachd mun leabhar.
“Ann an 1779, air a ghluasad a-mach às a dhachaigh, sheòl Calum Dòmhnallach à Gàidhealtachd na h-Alba còmhla ri theaghlach farsaing. Às deidh turas fada, uamhasach, shocraich e a theaghlach ann an ‘tìr nan craobhan’, agus mu dheireadh bidh iad nan cinneadh fa leth Alba Nuadh: gruag ruadh is sùilean dubha, le dearbh-aithne, an eachdraidh fhèin.
‘S e na 1980an a th’ ann mun àm a tha an neach-aithris againn, Alasdair Dòmhnallach, ag innse sgeulachd a theaghlaich, sgeulachd inntinneach, dìoghrasach a tha a’ ceangal ri eachdraidh: le Cùil Lodair, far an do chaochail na cinnidhean, agus leis a’ bhlàr ann an 1759 ann an Quebec a choisinn an Seanalair. Chuir Wolfe na Gàidheil borb a-steach a chionn ’s ‘nach b’ e mì-mhisneachd mòr a bh’ ann ma thuiteas iad’.”
Rugadh an t-Ollamh Iain S Mac a’ Phearsain ann an Edmonton ann an 1965 agus thogadh e air prèiridh Chanada ann an teaghlach a bhuineadh dha Ìle, dha Muile agus dhan Eilean Sgitheanach. Eadar Gàidhealtachd na h-Alba agus Èirinn a Tuath, tha e air a bhith na òraidiche oilthigh agus na neach-rannsachaidh airson còrr is fichead bliadhna, agus e an-dràsta a’ fuireach ann am Beul Feirste fhad ’s a tha e ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig, Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean.
Bidh e a’ sgrìobhadh bàrdachd agus rosg ann an Gàidhlig, Beurla agus Fraingis. A bharrachd air sin, tha e air a bhith an sàs gu proifeiseanta ann an sgrìobhadh, eadar-theangachadh, craoladh agus dèanamh fhilmichean bho thàinig e a dh’fhuireach an Alba ann an 1996. Fhuair am foillseachadh aige, An Leabhar Liath, a chaidh a dheasachadh agus eadar-theangachadh còmhla ri Pàdraig MacAoidh, duais Comann Crann na h-Alba airson an Leabhar-rannsachaidh as Fheàrr an 2017, còmhla ri Duais Donald Meek airson an Leabhair Ghàidhlig as Fheàrr ann an 2016, fhad ’s a bha am film aige, Bothan air a’ Phrèiridh, air a’ gheàrr-liosta airson am Film Aithriseach as Fheàrr aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach ann an 2010.
Thèid an còmhradh a chumail air-loidhne tro Zoom le Taigh Chearsabhagh. Tha e riatanach àite a ghleidheadh gus am faigh thu cuireadh Zoom. Thèid an ceangal a chuir air post-d goirid mus tòisich an tachartas. Bidh na h-àiteachan a’ dùnadh aig 6f air 16 Òg-mhios.
Gus cluinntinn mu thiotalan san àm ri teachd, agus còdan lasachaidh fhaighinn airson tiotalan cluba leabhraichean, cuir d ’ainm a-steach gu liosta puist DUILLEAG.
Tha DUILLEAG fosgailte do na h-uile, a’ toirt a-steach an fheadhainn às aonais Gàidhlig. Gluaisidh na còmhraidhean eadar Beurla agus Gàidhlig, agus faodar cuid de rudan a ràdh gun eadar-theangachadh an dàrna cuid.
Booking
Bookings are no longer available for this event.