Home > Event > Duilleag: STEALL 02 le Seonag Monk

A textured black background with a small leaf shaped logo reading DUILLEAG at the bottom left. The right hand side has STEALL 02 written in red.

Duilleag: STEALL 02 le Seonag Monk

Tha an club leughaidh Duilleag a-nis a’ leughadh STEALL 02, gu sònraichte am pìos aig Seonag Monk “Walk a Mile in My Shoes” air duilleag 143. Coinnichidh sinn le Seonag gus cluinntinn mun phròiseas sgrìobhaidh aice air 7mh an Giblean.

Tha Seonag, à Ghramasdal ann am Beinn na Faoghla, air sgrìobhadh airson dràma telebhisean fada, film beothaichte, àrd-ùrlar, rèidio, leabhraichean chloinne, agus an nobhail aice Mil San Tì?.

Thòisich eòlas sgrìobhaidh Seonag leis a’ chompanaidh theatar Gàidhlig Tosg ann an 1995 leis an dealbh-chluich Earball, gu luath air a leantainn bliadhna às deidh sin le Roinn Mhic ‘s Athair agus dà dhealbh-chluich chloinne. Ann an 2007 chaidh Seonag a choimiseanadh airson a bhith a’ sgrìobhadh There’s No V in Gaelic  – taisbeanadh a ruith airson dà oidhche air an reic a-mach ann an Taigh-cluiche nan Saoranach agus a’ nochdadh sgioba de bhoireannaich.

Thèid an còmhradh a chumail air-loidhne tro Zoom le Taigh Chearsabhagh. Tha e riatanach àite a ghleidheadh gus am faigh thu cuireadh Zoom. Thèid an ceangal a chuir air post-d goirid mus tòisich an tachartas. Bidh na h-àiteachan a’ dùnadh aig 6f air 7mh an Giblean.

Gus cluinntinn mu thiotalan san àm ri teachd cuir d ’ainm a-steach gu liosta puist DUILLEAG.

Tha DUILLEAG fosgailte do na h-uile, a’ toirt a-steach an fheadhainn às aonais Gàidhlig. Gluaisidh na còmhraidhean eadar Beurla agus Gàidhlig, agus faodar cuid de rudan a ràdh gun eadar-theangachadh an dàrna cuid.

Faodaidh sibh STEALL 02 agus raon de fhoillseachaidhean Gàidhlig eile a cheannach bhon bhùth air loidhne Taigh Chearsabhagh.