Home > Event > Dùthchas aig Seachdain Bheàrnaraigh

Photo of a small group of people standing on a pier, waving.

Dùthchas aig Seachdain Bheàrnaraigh

“Tha e mar gun robh thu ann fiùs mun do rugadh thu” 

An dèidh cuairt air leth shoirbheachail, ann an tallaichean air feadh Alba is gu ruige Astràilia, seo cothrom eile dhuibh DÙTHCHAS | HOME fhaicinn ann am Beàrnaraigh, air Disathairne 22 Iuchar, aig 7.30f.  Bidh tiogaidean rin ceannach air an doras, airgeda a-mhàin – cha ghabh cairt a chleachdadh.

Thigibh còmhla rinn cuideachd airson fosgladh Tasglann Dùthchas aig Comann Eachdraidh Bheàrnaraigh.  Bidh fàilte romhaibh aig an tachartas an-asgaidh seo, aig Taigh an Nurs, Disathairne 22 Iuchar, 1-3f.

Do chuid againn, tha dà àite ris an canar ar dachaigh – far an do rugadh sinn is far a bheil sinn a’ faireachdainn a bhuineas sinn fhathast, agus an t-àite far a bheil sinn a’ fuireach a-nis. Tha am film seo mun chianalas a tha feadhainn a dh’fhàg Beàrnaraigh a’ faireachdain, airson an àite far an do rugadh iad, agus a’ chuimhne air an àm a dh’fhalbh dhan fheadhainn a dh’fhuirich no a thill, nuair is e an dachaigh nan cridhe cuideachd an t-àite far a bheil iad a’ còmhnaidh.

Tha am film aithriseachd Dùthchas | Home a’ toirt sealladh dhrùidhteach, tiamhaidh is làn faireachdainn dhuinn air dè bha e a’ ciallachadh – agus a tha fhathast – do dhaoine, is do bhoireannaich gu h-àraid, a bhith a’ fàgail eilean am breith gus foghlam, cosnadh is còmhnaidh fhaighinn. Tha sinn a’ coimhead air a’ bhuaidh a bha aig a seo air cànan is dualchas Gàidhlig an eilein. ’S e film gu sònraichte drùidhteach a tha seo do neach sam bith aig a bheil ceangal ris na h-Eileanan. Na lùib, tha seann fhilm 8mm Kodachrome nach fhacas riamh roimhe de bheatha làitheil air Eilean Bheàrnaraigh sna 60an is 70an, measgaichte le agallamhan le daoine às an eilean is mòran a bha san t-seann fhilm. Tha seallaidhean suaicheanta a’ nochdadh a-rithist is a-rithist de bhith a’ fàgail an eilein, càirdean is caraidean air a’ chidhe a’ fàgail soraidh slàn mus fhalbh iad às an t-sealladh. Ged a tha am film gun fhuaim, cha mhòr nach cluinn thu fuaim an caoineadh. Chaidh ceòl a chruthachadh a dh’aona-ghnothach le Dòmhnall Seathach, a’ tarraing à beairteas dualchas òrain Ghàidhlig agus às na fuinn chumhachdach nan cois.

Thoiribh sùil air làrach-lìn Dùthchas airson cinn-là eile agus na sgìrean air fad far an deach, no a thèid, am film a shealltainn.