“Tha e mar gun robh thu ann fiùs mun do rugadh thu”
An dèidh ciad-sgrinidhean a chaidh an reic a-mach ann am Beàrnaraigh, Uibhist a Tuath agus Fèis Fhilmichean Eadar-nàiseanta Dhùn Èideann, seo cothrom eile dhuibh DÙTHCHAS | HOME fhaicinn ann am Beàrnaraigh.
Bidh an Stiùiriche Andy MacFhionghuin an làthair cuide rinn airson iomradh a thoirt air an fhilm an toiseach agus airson seisein Ceist & Freagairt aig an deireadh.
Do chuid againn, tha dà àite ris an canar ar dachaigh – far an do rugadh sinn is far a bheil sinn a’ faireachdainn a bhuineas sinn fhathast, agus an t-àite far a bheil sinn a’ fuireach a-nis. Tha am film seo mun chianalas a tha feadhainn a dh’fhàg Beàrnaraigh a’ faireachdain, airson an àite far an do rugadh iad, agus a’ chuimhne air an àm a dh’fhalbh dhan fheadhainn a dh’fhuirich no a thill, nuair is e an dachaigh nan cridhe cuideachd an t-àite far a bheil iad a’ còmhnaidh.
Tha am film aithriseachd Dùthchas | Home a’ toirt sealladh dhrùidhteach, tiamhaidh is làn faireachdainn dhuinn air dè bha e a’ ciallachadh – agus a tha fhathast – do dhaoine, is do bhoireannaich gu h-àraid, a bhith a’ fàgail eilean am breith gus foghlam, cosnadh is còmhnaidh fhaighinn. Tha sinn a’ coimhead air a’ bhuaidh a bha aig a seo air cànan is dualchas Gàidhlig an eilein. ’S e film gu sònraichte drùidhteach a tha seo do neach sam bith aig a bheil ceangal ris na h-Eileanan. Na lùib, tha seann fhilm 8mm Kodachrome nach fhacas riamh roimhe de bheatha làitheil air Eilean Bheàrnaraigh sna 60an is 70an, measgaichte le agallamhan le daoine às an eilean is mòran a bha san t-seann fhilm. Tha seallaidhean suaicheanta a’ nochdadh a-rithist is a-rithist de bhith a’ fàgail an eilein, càirdean is caraidean air a’ chidhe a’ fàgail soraidh slàn mus fhalbh iad às an t-sealladh. Ged a tha am film gun fhuaim, cha mhòr nach cluinn thu fuaim an caoineadh. Chaidh ceòl a chruthachadh a dh’aona-ghnothach le Dòmhnall Seathach, a’ tarraing à beairteas dualchas òrain Ghàidhlig agus às na fuinn chumhachdach nan cois.
Tha am film an-dràsta ga shealltainn san Screen Machine agus ann an taighean-dhealbh agus coimhearsnachdan air feadh Alba. Thoiribh sùil air làrach-lìn Dùthchas airson na cinn-là eile agus na sgìrean air fad.
Chan eil àireamh mhòr de thiogaidean ann airson an tachartais seo is mar sin feumar àite a ghlèidheadh; cleachdaibh an t-siostam air-loidhne gu h-ìosal airson àite a ghlèidheadh. Ma ghlèidheas sibh àite agus nach urrainn dhuibh an uair sin tighinn ann air adhbhar sam bith, bhiomaid nur comain nan cuireadh sibh fios gu taigh@taigh-chearsabhagh.org cho luath ’s as urrainn dhuibh, gus an urrainn dhuinn a thabhann do chuideigin eile.