Home > Event > Dùthchas | Home – Talla Chàirinis

Dùthchas | Home – Talla Chàirinis

“Tha e mar gun robh thu ann fiùs mun do rugadh thu” 

Do chuid againn, tha dà àite ris an canar ar dachaigh – far an do rugadh sinn is far a bheil sinn a’ faireachdainn a bhuineas sinn fhathast, agus an t-àite far a bheil sinn a’ fuireach a-nis. Tha am film seo mun chianalas a tha feadhainn a dh’fhàg Beàrnaraigh a’ faireachdain, airson an àite far an do rugadh iad, agus a’ chuimhne air an àm a dh’fhalbh dhan fheadhainn a dh’fhuirich no a thill, nuair is e an dachaigh nan cridhe cuideachd an t-àite far a bheil iad a’ còmhnaidh.

Tha am film aithriseachd Dùthchas | Home a’ toirt sealladh dhrùidhteach, tiamhaidh is làn faireachdainn dhuinn air dè bha e a’ ciallachadh – agus a tha fhathast – do dhaoine, is do bhoireannaich gu h-àraid, a bhith a’ fàgail eilean am breith gus foghlam, cosnadh is còmhnaidh fhaighinn. Tha sinn a’ coimhead air a’ bhuaidh a bha aig a seo air cànan is dualchas Gàidhlig an eilein. ’S e film gu sònraichte drùidhteach a tha seo do neach sam bith aig a bheil ceangal ris na h-Eileanan. Na lùib, tha seann fhilm 8mm Kodachrome nach fhacas riamh roimhe de bheatha làitheil air Eilean Bheàrnaraigh sna 60an is 70an, measgaichte le agallamhan le daoine às an eilean is mòran a bha san t-seann fhilm. Tha seallaidhean suaicheanta a’ nochdadh a-rithist is a-rithist de bhith a’ fàgail an eilein, càirdean is caraidean air a’ chidhe a’ fàgail soraidh slàn mus fhalbh iad às an t-sealladh. Ged a tha am film gun fhuaim, cha mhòr nach cluinn thu fuaim an caoineadh. Chaidh ceòl a chruthachadh a dh’aona-ghnothach le Dòmhnall Seathach, a’ tarraing à beairteas dualchas òrain Ghàidhlig agus às na fuinn chumhachdach nan cois.

Thigibh còmhla rinn airson an ciad-taisbeanadh airson Uibhist a Tuath aig Talla Chàirinis.  Glèidhibh tiogaid gu h-ìosal.  

Tha an taisbeanadh seo mar phairt den phrògram aig Co-labhairt Teiripean-Ealain: Co-ionannachd agus buaireadh: sgrùdadh air dearbh-aithne agus àite

Ma ghlèidheas sibh tiogaid agus nach urrainn dhuibh an uair sin tighinn ann airson adhbhar sam bith, bhiomaid taingeil nan leigeadh sibh fhaicinn dhuinn cho luath ’s as urrainn, air postd gu taigh@taigh-chearsabhagh.org gus an urrainn dhuinn an tiogaid a thabhann do chuideigin eile.